Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìomhaighean

Chaidh còrr is 650 duine a chur an grèim air feadh Bhreatainn anns na sia mìosan mu dheireadh fo amharas mu dhrabasachd chloinne. Tha dotairean, tidsearan agus luchd-cùraim am measg na chaidh an cuir an grèim agus poilis ag amas air feadhainn a bha a' tarraing ìomhaighean far na h-eadar-lìn.

Drabastachd chloinne

Thuirt fear a bha na àrd-oifigear aig Poilis a' Mhetropolitan gun deach a ghluasad à dhreuchd nuair a dh'innis e gun robh e am beachd rannsachadh a dhèanamh an aghaidh luchd-poileataigs a bha fo amharas mu dhrabastachd an aghaidh chloinne. Dh'innis Clive Driscoll dhan BhBC gun robh mòran dhaoine gu math mì-chofhurtail mun rannsachadh mu dhachannan cloinne ann an Lunnainn anns na h-80an.

Tha e air tighinn am follais gun do dh'fhàg Mayor Rotherham a dhreuchd bho chionn cola-deug an dèidh chasaidean gun robh esan ri drabasachd chloinne, a' dol air ais còrr is 25 bliadhna. Ghabh Barry Dodson an dreuchd air a' mhìos seo chaidh an dèidh 14 bliadhna na chomhairliche sa bhaile. Thuirt esan gun do dh'fhalbh e air adhbharan pearsanta. Dhearbh na poilis gun deach duine, a tha 66, a chur an grèim agus a shaoradh air urras fhad 's a tha iad a' rannsachadh na cùise.

Cosnaidhean

Dh'èirich an àireamh a tha gun chosnadh an Alba, fhad 's a thuit an àireamh sin air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Bha 13,000 a bharrachd dhaoine gun chosnadh ann an Alba sna trì mìosan eadar a' Mhàirt agus an Cèitean, le 121,000 nas lugha air feadh Bhreatainn, aig beagan a bharrachd air £2.1m. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gu bheil figearan eile a' sealltainn gu bheil pàigheadh anns an fharsaingeachd ag èirigh aig ìre nas lugha na tha an atmhorachd.

Chevron

Tha a' chompanaidh ola Chevron am beachd còrr is 200 cosnadh a ghearradh ann an Obar Dheathain, an dèidh ath-sgrùdadh air an obair anns a' Chuan a Tuath. Thuirt Chevron gu bheil iad fhathast a' dol air adhart le leasachadh air raon Rosebank, an iar air Sealtainn, far a bheil dùil ri còrr is 240 millean baraill de dh'ola.

Camshron

Chuir Daibhidh Camshron crìoch air atharrachadh a' Chaibineat anns a' mhadainn an-diugh, le ministearan fhastadh aig na h-ìrean as ìsle anns an Riaghaltas. Tha e air an t-slighe dhan Bhruiseil a-niste, a dh'iarraidh àrd dhreuchd anns a' Choimisean Eòrpach dhan a' Mhorair Hill, Coimiseanair Eòrpach ùr na Rìoghachd Aonaichte.

Fèis Cheilteach Innse Gall

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh ann an Leòdhas an-diugh. Tha 19 bliadhna bho thòisich an fhèis, 's tha an eaconamaidh ionadail a' faighinn còrr is £1m gach bliadhna às, le mìltean mòra a' tadhail air an sgìre. Tha na h-uimhir a' dol air iomall na fèise cuideachd agus tachartasan a' dol air taobh a-muigh Steòrnabhaigh.

Clò Hearach

Tha coltas ann gum faodadh dìon shònraichte, fo riaghailtean Eòrpach, a chur air a' Chlò Hearach. Thòisich còmhraidhean air leudachadh air an dìon oifigeil a th' air biadh sònraichte an-dràsta, gu rudan is stuthan eile, agus tha an Clò Mòr air aon rud air a bheil an Coimisean Eòrpach a' beachdachadh.