BBC Naidheachdan

Cròileagan ga chàineadh ann an Ulapul

Published
image copyrightGeograph/Colin Smith
image captionTha dùil gun càin aithisg oifigeil an staid anns a bheil an togalach anns a bheil cròileagan Bun-sgoil Ulapuil.

Tha dùil gun càin aithisg oifigeil an staid anns a bheil an togalach anns a bheil cròileagan Bun-sgoil Ulapuil.

Tha pàrantan ag ràdh gu bheil dampachd cho dona na bhroinn agus nach gabh dealbhan a chur suas air na ballachan.

Tha iad ag iarraidh gun tèid àite ùr a chomharrachadh air sgàth nan draghan a th' orra mu shlàinte na cloinne.

Fuasgladh

Dh'iarr pàrantan air Comhairle na Gàidhealtachd a dhol an sàs anns an t-suidheachadh, 's iad ag iarraidh togalaich ùir, no fiù 's togalach eadar-amail gus an suidheachadh a leasachadh ann an aithghearrachd.

Thuirt Alasdair MacLeòid, a tha na rùnaire air Comhairle Phàrant na sgoile: "Chan e àite a th' ann a bhios ga chleachdadh corra uair, mar seòmar ealain no seòmar ciùil anns am bi a' chlann airson uair de thìde san là.

"Tha sinne a' sùileachadh gun till clann, aois trì bliadhna, air ais an siud às dèidh an t-samhraidh airson 3 uairean is 10 mionaidean gach là - 600 uair sa bhliadhna - ann an seòmar a chanadh Buidheann Slàinte na Cruinne rinn a sheachnadh."

Gearainean

Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air gearainean a chluinntinn, agus tha Manaidsear Foghlaim na sgìre air aithisg iarraidh mu staid nan togalaichean.

Rinn Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim rannsachadh air an togalach na bu tràithe air an t-samhradh, 's bha iadsan cuideachd mì-thoilichte mun staid anns an robh e.

Tha dùil gun tèid an aithisg fhoillseachadh an ceann mìos.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Comhairle na Gàidhealtachd (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh