Darling: RA na buannachd do thurasachd na h-Alba

Am Monadh Ruadh Image copyright Thinkstock
Image caption Thuirt Alistair Darling gu bheil an iomairt airson neo-eisimeileachd "a' ruith a-mach à spionnadh".

Tha an Rìoghachd Aonaichte a' toirt bhuannachdan do ghnìomhachas turasachd na h-Alba, a rèir ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling.

A' bruidhinn agus e a' cur na buidhne iomairt Tourism Together air bhog air bàta aig Loch Laomainn, thuirt e gu bheil turasachd a' faighinn togail bho "ìomhaigh eadar-nàiseanta" na RA.

Thuirt e cuideachd gu bheil an iomairt airson neo-eisimeileachd "a' ruith a-mach à spionnadh".

Thuirt Blair Jenkins, a tha os cionn na h-iomairt Bu Chòir Alba, gun robh an iomairt "Cha Bu Chòir" air "tagraidhean fuadain" a dhèanamh mu thurasachd.

Ìomhaigh eadar-nàiseanta

Thuirt Mgr Darling: "Tha gnìomhachas turasachd na h-Alba na dheagh eisimpleir de mar a dh'fhaodas a' chuid as fheàrr de gach saoghal a bhith aig Alba. Tha brand sònraiche againn dhuinn fhìn.

"Tha Brand na h-Alba aithnichte air feadh an t-saoghail. Tha Brand Bhreatainn a' toirt bhuannachdan dhuinn an seo ann an Alba, a cheart uimhir 's a tha e do dhaoine a tha a' fuireach ann an ceàrnaidhean eile de ar n-eileanan.

"Tha aithneachadh cruinneil agus ìomhaigh eadar-nàiseanta na RA a' tàladh dhaoine gu prìomh làraichean turasachd na h-Alba - bho bhailtean mòra leithid Ghlaschu agus Dhùn Èideann, gu àiteachan sàr-sheallach leithid Loch Laomainn agus Am Monadh Ruadh.

"'S e am measgachadh sin, a' chuid as fheàrr de gach saoghal, a nì gnìomhachas turasachd na h-Alba cho soirbheachail 's a tha e."

Thuirt Mgr Darling cuideachd gun cuireadh neo-eisimileachd an soirbheachas sin ann an cunnart.

"'S e iomairt nan Nàiseantach a tha a' ruith a-mach à spionnadh, a' ruith a-mach à ùine agus a-nis a' ruith a-mach à argamaidean," thuirt e.

Tagraidhean fuadain

Thuirt a' bhuidheann iomairt Bu Chòir Alba, a tha airson neo-eisimeileachd, gu bheil an iomairt "Cha Bu Chòir" mar "long a' dol fodha, dealaichte" agus gur e bhòtadh "Bu Chòir" anns an referendum san t-Sultain an aon dòigh air na cumhachdan a tha a dhìth air Alba fhaighinn.

Thuirt an t-Àrd-Oifigear, Blair Jenkins: "Tha gnìomhachas turasachd uabhasach cumhachdach, agus fhathast a' fàs, aig Alba, luach £10bn. Tha dùil gun tig tuilleadh leudachaidh air a' ghnìomhachas leis mar a tha Brand na h-Alba a' neartachadh - agus leis an ùidh a bhios aig luchd-turais anns an dùthaich as ùire san t-saoghal, agus aon de na dùthchannan as fàilteachaile.

"Tha tagraidhean fuadain iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" mu thurasachd mar-thà air a bhith air am breugnachadh.

"Ann an cunntas-bheachd a chaidh a dhèanamh na bu tràithe air a' bhliadhna, thuirt 85% nach dèanadh neo-eisimeileachd diofar sam bith do ghnìomhachas turasachd na h-Alba."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile