Corp ga fhaighinn o chàr a chaidh leis a' chreig
- Published
Lorg dàibhearan bhon phoileas corp ann an carbad a chaidh còrr is 200 troigh leis a' chreig air taobh tuath Ghallaibh.
Chaidh heileacoptair nam maor-cladaich agus bàta-teasairginn a ghairm gu Dun Gasbaith feasgar Diciadain, an dèidh do neach-turais innse gum faca e càr san uisge aig bun na creige aig Ceann Donnchaidh.
A dh'aindeoin gach oidhirp, cha do shoirbhich le bàta-teasairginn Inbhir Ùige faighinn chun an sprùillich, 's chaidh an iomairt a thoirt gu crìch air oidhche Chiadain.
Ged a chunnacas bodhaig duine sa chàr, thathas a' tuigsinn gun robh e follaiseach nach robh e beò.
Air madainn Diardaoin, thugadh sgioba de dhàibhearan nam poileas chun na làraich, 's chaidh aca air corp a thoirt às.
Chaidh an corp a thoirt a dh'Inbhir Ùige leis a' bhàta-teasairginn.
Thuirt feadhainn a chunnaic na thachair, gun do dhràibh an duine thairis air feurach faisg air taigh-solais Chinn Dhonnchaidh, 's gun deach e tro fheansa, mus deach e còrr is 200 troigh leis a' chreig.