Aonta air fàire air seirbheisean cùraim

Cùram
Image caption Tha an dà bhuidhinn an dùil seirbheisean cùraim a ruith còmhla.

Dh'fhaodadh gu bheil aonta nas fhaisge eadar Comhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mu bhith a' roinn sheirbheisean cùraim eatorra.

Choinnich an dà bhuidhinn ri riochdairean Riaghaltas na h-Alba Diardaoin a dheasbad na dòigh as fheàrr airson an t-seirbheis a leasachadh.

"Aig toiseach na coinneimh cha robh fhios againn dè thachradh, ach aig deireadh na coinneimh, tha mi a' smaoineachadh gun robh sinn uile a' faireachdainn caran misneachail mu na thachras," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

"Tha tòrr co-obrachaidh air a bhith a' dol eadar na h-oifigich, agus 's e sin rud a th' air a bhith caran feumail.

"Ann an dòigh, tha a h-uile duine ag ràdh gu bheil sinn air dheireadh, ach chan eil. Tha sinn air tòrr a dhèanamh a tha gar fàgail aig toiseach gnothaich, agus ma gheibh sin a' dol, chan e ruith ach leum a bhios ann.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil dùil aig a' Bhòrd Shlàinte fhèin coinneachdainn meadhan an Lùnastail, agus ged nach eil coinneamh aig a' Chomhairle gu toiseach an Dàmhair, tha dùil againn coinneamh a dhèanamh deireadh an Lùnastail cuideachd airson a toirt faisg air coinneimh a' Bhùird Shlàinte.

"'Son gum bi sinn caran aig an aon ìre airson gnothaichean a thoirt air adhart," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile