Sturgeon a' tàladh bhòtairean Làbarach

Nicola Sturgeon Image copyright PA
Image caption Thuirt Ms Sturgeon gun gabhadh Làbaraich sealbh às ùr air an cuid poileataigs le bhith a' bhòtadh Bu Chòir.

Bu chòir do luchd-taic a' Phàrtaidh Làbaraich bhòtadh airson neo-eisimeileachd, gus Alba nas co-ionnan a chruthachadh, a rèir an Leas-Phrìomh Mhinisteir, Nicola Sturgeon.

Thuirt Ms Sturgeon gu bheil mòran de luchd-taic nan Làbarach mar-thà an dùil bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Thuirt Pàrtaidh Làbarach na h-Alba ge-tà, gun robh an iomairt Bu Chòir "nan èiginn".

Thuirt Ms Sturgeon gur e "cothrom na beatha" a bhiodh ann do luchd-taic nan Làbarach "sealbh fhaighinn às ùr air an cuid poileataigs agus am pàrtaidh, gus Alba a chur air slighe a dh'ionnsaigh nan amasan dha bheil iad taiceil".

"Seach a bhith a' faicinn 100,000 duine-cloinne a bharrachd gan cur ann am bochdainn ri linn ghearraidhean Westminster, faodaidh sinn cuidhteas fhaighinn de dh'armachd niuclasaich Trident, agus cruth-atharrachadh a thoirt air cùram-cloinne a chùm buannachd 240,000 duine-cloinne," thuirt Ms Sturgeon.

"Dh'fhailich orm mòran de luchd-taic nan Làbarach iompachadh gu bhith a' bhòtadh airson an SNP ann an iomadh taghadh.

"Ach cha do choinnich mi fhathast ri bhòtair Làbarach a tha a' cur bhomaichean air thoiseach air cloinn, agus 's e sin as coireach gu bheil mi air tachairt ris an t-uabhas de bhòtairean Làbarach anns an iomairt referendum seo, a tha an dùil bhòtadh "Bu Chòir".

"Do bhòtairean Làbarach a dh'iarradh dùthaich nas co-ionnaine fhaicinn, 's e neo-eisimeileachd an aon chothrom air sin a choileanadh."

Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear air taic bhòtairean Làbarach a shireadh roimhe, leithid na h-òraid a thug i seachad aig co-labhairt Earraich an SNP.

Tha an t-iarrtas as ùire aice a' tighinn agus seachdnar a bha gu mòr an sàs anns an iomairt a rinn Luchd-togail Shoithichean Chluaidh Uarraich (UCS) nuair a ghabh iad smachd air an àite-obrach ann an 1971, air litir fhosgailte a sgrìobhadh ann san Daily Record, ag innse an cuid adhbharan bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Shoirbhich leis an iomairt aca ann a bhith a' toirt iar riaghaltas Tòraidheach Edward Heath stad a chur air plana fo an deadh cur às do 6,000 a-mach à 8,500 cosnadh air Chluaidh.

B' e an t-oifigeach aonaidh Jimmy Reid a bh' air ceann na h-iomairt sin, agus chuir esan a chuid taice do neo-eisimeileachd an cèill mus do bhàsaich e ann an 2010.

San litir aca, sgrìobh an seachdnar: "Tha riaghaltas na RA a' feuchainn ri ìomhaigh dhiubh fhèin a chur tarsainn mar luchd-dìon togail shoithichean ann an Alba, ach 's fhada on fhìrinn a tha sin.

"A dh'aindeoin oidhirpean nan aonaidhean-ciùird, chan eil togail-shoithichean air a bhith air aire riaghaltasan Westminster, agus faodaidh dùil a bhith againn ri soirbheachas nas fheàrr dhan ghnìomhachas againn ann an Alba neo-eisimeilich.

Image copyright Bill Fleming
Image caption Chuir seachdnar a bha gu mòr an lùib iomairt nan gàraidhean soithich ann an 1971, an cèill an cuid taice do neo-eisimeileachd.

Chuir David Torrance, Linda Hamill, Betty Kennedy, Jimmy Cloughley, Ronnie Leighton, Tam Brothserson agus John Gibb, an ainmean ris an litir fhosgailte.

Tha cuideachd dithis a bha roimhe nam ministearan ann an riaghaltasan Làbarach - Peter Kilfoyle agus Leslie Huckfield - air innse sna seachdainnean a dh'fhalbh gu bheil iadsan taiceil ri neo-eisimeileachd.

Ach thug am BPA Làbarach Drew Smith, là dubh air na thuirt Ms Sturgeon.

"Thug Nicola Sturgeon a beatha ag iomairt an aghaidh a' Phàrtaidh Làbaraich," thuirt e.

"Ach is coltach gu bheil an iomairt aice na h-èiginn. Tha fhios gur e gu bheil uiread de dhaoine a bh' air bhòtadh airson an SNP roimhe a-niste a' diùltadh gabhail ris an sgaradh sa bheil Nicola Sturgeon a' cur earbsa thar gach rud eile as coireach ri sin.

"Canaidh an SNP rud sam bith airson faighinn thar an loidhne san t-Sultain, ach tha mise den bheachd gum faic Alba gu soilleir tro na gealltanasan fuadain 's poileasaidhean neo-mhaoinichte a tha an iomairt Bu Chòir a' feuchainn ri reic rithe."

Aig a' cheart àm, tha mac a' BhP Làbaraich Tony Ben, nach maireann, - a bha cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith a' sàbhaladh nan gàraidhean soithich air Chluaidh - air bruidhinn mu mar a bha athair an aghaidh neo-eisimeileachd.

A' bruidhinn air thoiseach air turas a dh'Alba Diluain, thuirt Hilary Benn BP: "'S ann mu dhlùth-phàirteachas a bha an t-sòisealachd dhan do dh'obraich m' athair fad a bheatha. Bha e a' creidsinn gu dealasach ann a bhith a' seasamh le chèile, 's a' cumail taic ri chèile ann an èiginn 's an duilgheadas, seach a bhith a' putadh dhaoine o chèile.

"Dhasan, cha chuireadh neo-eisimeileachd ris an fheallsanachd a bh' air cùl na h-iomairt aige. 'S e sin as coireach gun robh e soilleir gun robh adhbhar nan Làbarach - agus an t-adhbhar sòisealach, ri bhrosnachadh le aonachd."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile