Bonn airgid na thogail dha Kerry Nic a' Phì
- Published
Choisinn Kerry Nic a Phì, às Uibhist a Deas, bonn airgid aig Farpaisean Baidhsagal-beinne Bhreatainn ann an Shropshire, dìreach seachdain mus gabh i pàirt ann an Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.
Tha dòchas gun toir seo togail agus misneachd dha Kerry, 's a h-ullachadh airson nan Geamaichean air a bhith gu math riaslach.
Chaill Kerry grunn làithean de thrèanadh o chionn ghoirid, 's aice ri ùine a chur seachad anns an ospadal às dèidh dhith a bhith air a goirteachadh.
Cha do shlànaich lotan a fhuair i nuair a thàinig i far a baidhsagail le cungaidhean-leigheis antibiotic.
Ged a bha na cungaidhean-leigheis ga fàgail a' faireachdainn slaodach agus gann de mhisneachd, rinn Kerry a' chùis aig gach tè a bh' anns an fharpais ach a-mhàin Annie Last, a choisinn am Bonn Òir.
Iongantas
A rèir Kerry fhèin, cha robh i an dùil ris an seo idir.
Bidh e na fhìor thogail dhi gun do rinn i an gnothach an aghaidh mòran de na farpaisich a bhios na h-aghaidh aig na Geamaichean air an an 29mh là den Iuchar, aig Bràighean Cathkin.
'S i Kerry a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a ghabhas pàirt ann an Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.
Tòisichidh na geamaichean air an 23mh den Iuchair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 16 An t-Iuchar 2014