Taic-airgid luach £23.9m do Ghlaschu
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich an Seansalair, Seòras Osborne, taic-airgid luach £23.9m airson pròiseactan saidheans, gnìomhachais agus ealain ann an Glaschu.
Thèid còrr air £17m a chur ri ionad ùr airson rannsachadh slàinte, gheibh Sgoil Ealain Ghlaschu £5m agus bidh £1.7m a' dol ri ionad-gnothachais ùr.
Tha dùil gum faodadh 30,000 cosnadh tighinn a Ghlaschu ri linn nan iomairtean.
Rinn Mgr Osborne mìneachadh air a' mhaoineachadh aig Co-labhairt Ghnothachais Gheamaichean a' Chò-fhlaitheis ann an Glaschu Dimàirt.
Cosnaidhean
Bha Seòras Osborne ann an Glaschu air thoiseach air fosgladh oifigeil Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis Diciadain.
A' bruidhinn ri còrr air 200 duine bho shaoghal na poileataigs agus saoghal a' ghnòthachais aig Co-labhairt Ghnothachais Gheamaichean a' Chò-fhlaitheis, thuirt an Seansalair gun cuidich am maoineachadh ùr gus 30,000 cosnadh a chruthachadh.
Chuir Ceannard na Comhairle, Gòrdan MacMhathain, fàilte air an naidheachd, ag ràdh gun toir e cruth-atharrachadh air sgìre Ghlaschu.
"Chan e a-mhàin gum bi seo a' ciallachadh slàinte nas fheàrr do mhuinntir Ghlaschu ach, gu deatamach, tuilleadh obraichean leantainneach, luachmhor."
Taic
Thèid cuid mhòr den t-airgead a chosg air rannsachadh meidigeach, a' mhòr-chuid dheth aig ospadal ùr Ghlaschu a Deas agus air ionad-gnìomhachais ùr sa Bhaile Mharsanta.
Aig Oilthigh Ghlaschu, dh'fhoillsich Mgr Osborne:
- Tabhartas £16m bho Riaghaltas na RA a dh'ionnsaigh pròiseict luach £64m gus ionad rannsachaidh mheidigich a nì adhartas ann an rannsachadh saidheansail a stèidheachadh aig ospadail ùr cheann a deas Ghlaschu;
- Tabhartas £5m bho Riaghaltas na RA a dh'ionnsaigh ionad ceumnachaidh is rannsachaidh ùr aig Sgoil Ealain Ghlaschu;
- £1.2m bho Riaghaltas na RA airson ionad luach £4m a bheir acadaimigich, luchd-tionnsgain, luchd-cùraim slàinte agus luchd-taic gnìomhachais còmhla gus seirbheisean slàinte agus teicneolais slàinte ùra a thoirt chun a' mhargaidh;
- £1.7m de thaic bho Riaghaltas na RA airson ionad-gnìomhachais luach £4m ann an Baile Mharsantachd Ghlaschu.
Thig an còrr den mhaoineachadh airson nam pròiseactan bho bhuidhnean leithid Riaghaltas na h-Alba, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Comhairle Baile Ghlaschu, Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Shrath Chluaidh.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh an t-airgead a' togail air £1bn a tha mar-thà ga chosg air ospadal ùr an Glaschu, agus air oilthighean na h-Alba.
Chaidh an co-làbhairt, a mhaireas dà là, a chur air chois le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA agus Iomairt na h-Alba, agus bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, cuideachd an làthair.
'S e an craoladair John Humphreys. bho BhBC, a bhios na chathraiche agus cluinnear òraidean bho luchd-poileataigs leithid Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney.
Malairt
Tha an co-labhairt ag amas air ceanglaichean malairt a chur air bhonn thar dhùthchannan a' Cho-Fhlaitheis.
Bidh an tachartas, a thèid a chraoladh beò air làrach-lìn Iomairt na h-Alba, a' cur cuideam air cùisean agus cothroman a tha a' buntainn ris gach dùthaich fa leth, leithid:
- cosnadh agus sgilean
- leasachadh bun-structair
- seirbheisean ionmhais a' leasachadh do ghnìomhachasan
- a' leasachadh 'smart cities' airson an àm ri teachd
Tha às-mhalairt Albannach gu dùthchannan a' Cho-Fhlaitheis taobh a-muigh na RA luach mu £2bn gach bliadhna, 's tha na buidhnean a chur an co-labhairt air chois dòchasach gum bi an obair a thathas a' dèanamh mu choinneimh com-pàirteachais ùra choimearsalta a stèidheachadh mar phrìomh dhìleab Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis.