Buidheann a dhìth airson iasgach an t-srùbain

Srùbain Image copyright PA
Image caption Tha riaghailtean a dhìth airson a' bhuannachd a ghlèidheadh gu h-ionadail.

Tha feum air buidhinn ann an Uibhist cho luath 's a ghabhas a chuireas smachd air iasgach an t-srùbain.

'S e sin a chaidh a mholadh aig coinneimh oidhche Luain far an deach fiosrachadh a thoirt seachad air sgrùdadh a rinneadh air stoc an t-srùbain anns na h-Eileanan an Iar.

Fhuair an sgrùdadh sin gum faodadh an t-iasgach sin a bhith seasmhach, agus luach suas ri £1m do na h-eileanan.

Chaidh ochd tràighean a mheasadh anns an sgrùdadh, sia dhiubh ann an Uibhist a Tuath, leis an tràigh aig an Fhadhail a Tuath as torraiche dhiubh.

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh ùine mhòir airson an t-iasgach a tha seo a thoirt air n-adhart anns na h-eileanan," thuirt Aonghas Dòmhnallach, bhon chompanaidh Whiteshore Cockles.

"Mar a tha an gnothach, tha na srùbain a' bàsachadh sa chladach a h-uile bliadhna, agus dh'fhaodadh sinn a bhith a' faighinn air an reic air feadh an t-saoghail."

Buannachd ionadail

Tha e riatanach gum bi riaghailtean teann an cois an iasgaich ge-tà, gus a dhèanamh seasmhach, agus airson a' bhuannachd a thig às a ghleidheadh gu h-ionadail, agus cuideachd airson adhbharan slàinte is sàbhailteachd.

"Le a bhith gu math faiceallach le mar a thèid dealbh an-àirde riaghailtean ùra faodar molaidhean a chur air adhart chun an Riaghaltais, mar eisimpleir casg air an deireadh-sheachdain, casg air mìosan an t-Samhraidh," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Mar sin, cha bhiodh daoine à taobh a-muigh an àite cho deònach a bhith a' tighinn a-steach.

"Airson tha sinn air faicinn ann an iomadach àite nuair a tha iasgach a' fosgladh, gur e daoine proifeasanta a tha a' cruinneachadh srùban, gu h-àraid shìos anns a' Chuimrigh, agus gum falbh iad a dh'àite sam bith.

"Agus tha iad a thrì uimhir, no ceithir uimhir nas luaithe a' togail na na daoine a-bhos an seo.

"Bhiodh a' bhuannachd a' falbh nam biodh e fosgailte fad na bliadhna agus a h-uile là den t-seachdain.

Faiceallach

"Dh'fheumadh a bhith gu math faiceallach cuideachd nach biodh e fosgailte feadh na h-oidhche, a thaobh sàbhailteachd cuideachd.

"'S e a b' fheàrr leamsa gum faicinn buidheann às a' choimhearsnachd a thigeadh ri chèile airson coimhead ri riaghladh an stuic a tha seo.

"Nan tachradh sin, bhiodhte cinnteach gum biodh a' bhuannachd a' fuireach anns an àite.

"Ach ag ràdh sin, a' faicinn na prìse a th' air srùbain mhòra, chan eil teagamh sam bith ann leis an rud a tha luchd-saidheans ag ràdh, dh'fhaodadh suas ri £1m a bhith ann gun chunnart sam bith gun deadh cus a thoirt às," thuirt e.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag ràdh gum faodadh eadar 20 agus 40 duine a bhith ag obair an lùib a' ghnìomhachais anns na h-eileanan.

Bidh coinneamh eile ann an Taigh-Òsta an Tairbeirt sna Hearadh oidhche Mhàirt aig 8:00f air an aon chuspair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo