Buannachd do chompanaidh à Uibhist

Bèicearachd
Image caption Chan fheum luchd-cùraim ach am biadh a theasachadh

'S e companaidh à Beinn nam Fadhla, MacLean's Bakery, a fhuair an cùmhnant airson biadh a chumail ri daoine anns na h-Eileanan Siar a tha a' faighinn cùraim nan dachannan fhèin.

Bidh a' chompanaidh ag ullachadh a' bhìdhe, agus ga thoirt seachad dhan fheadhainn air am bi iad a' frithealadh - a' fàgail nach fheum luchd-cùraim ach a theasachadh.

'S ann fo chùmhnant bho Chomhairle nan Eilean Siar a bhios an t-seirbheis ùr ga ruith.

Seirbheis ionadail

Tha suas ri 300 duine anns na h-Eileanan Siar a' faighinn bìdhe air a dheasachadh dhaibh nan dachannan fhèin an-dràsta.

Bidh aig a' chompanaidh ri co-dhiù sianar luchd-obrach a bharrachd fhastadh ma chleachdas an fheadhainn sin uile an t-seirbheis ùr.

Thuirt stiùiriche na companaidh, Ailean MacIlleathain, nach e obair fhurasta a bhios ann, biadh math ullachadh.

"'S e obair dhoirbh a th' ann gu bheil thu a' dèanamh cinnteach nach eil cus salainn ann agus gu bheil gu leòr protein agus a h-uile sian mar sin ann. Nì sinn uile biadh - ach feumaidh am biadh a bhith ceart," thuirt e.

Tòisichidh an t-seirbheis ùr as t-Fhoghar, agus bidh e a' ruith chun a' Mhàirt ann an 2017.

Tha an comhairliche Uibhisteach Ùisdean Robasdan am measg na chuir fàilte air an naidheachd 's e ag ràdh gun robh seo air a bhith na amas dhaibh bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Bidh cothrom aig luchd-cleachdaidh na seirbheis am beachdan a thoirt seachad agus thèid iad sin a chur air beulaibh na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile