Dìleab nan Geamaichean, a rèir Chamshron agus Salmond

Geamaichean Ghlaschu 2014 Image copyright Getty Images
Image caption Tha Daibhidh Camshron agus Ailig Salmond air a bhith a' cuimseachadh air dìleab Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu.

Tha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, air a bhith a' cuimseachadh air an dìleab a bhios aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu.

Innsidh Mgr Camshron do cheannardan gnìomhachais gu bheil na Geamaichean, mar Gheamaichean Oilimpigeach Lunnainn ann an 2012, a' toirt dhuinn cothrom "gach pàirt de ar dùthaich a chur am follais air beulaibh an t-saoghail".

Aig a' cheart àm, thuirt Am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gur e "a' bhuaidh a bheir na Geamaichean air na daoine" an fhìor dhìleab.

Thuirt e nach robh ìomhaigh nas làidire air a bhith aig Alba riamh.

Ann an agallamhan leis a' BhBC, bhruidhinn Mgr Camshron agus Mgr Salmond air a' bhuaidh a bhiodh aig na Geamaichean.

Dìleab

Thuirt am Prìomhaire gun toireadh an tachartas cothrom do dh'Alba taisbeanadh na th' aice ri thabhann dhan t-saoghail, agus gum faiceadh daoine a' chuid as fheàrr de dh'Alba agus den RA.

Thuirt Mgr Salmond gun robh e a' coimhead air adhart ris na 10 làithean de thachartasan spòrs, ag ràdh nach ann a-mhàin gum biodh dìleab eaconamach ann, ach gum biodh "dìleab daonna" ann dhan a h-uile duine a bhios air am brosnachadh leis na Geamaichean sna bliadhnaichean ri teachd.

Air thoiseach air cuirm fhosglaidh nan Geamaichean, tha dùil gum bruidhinn Mgr Camshron air beulaibh luchd-gnìomhachais agus cheannardan a' Cho-Fhlaitheis, agus an dara aithisg bhliadhnail mu dhìleab Gheamaichean Lunnainn 2012 ga foillseachadh.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gun tàinig àrdachadh de chòrr is £14bn air malairt na RA ri linn Lunnainn 2012.