£6m don iasgach sna h-Eileanan Siar

Bàt'-iasgaich
Image caption Gheibh trì bàtaichean eileanach earrainn den airgead airson leasachaidhean air bòrd.

Tha iasgairean nan Eilean Siar air an dòigh an dèidh do Riaghaltas na h-Alba ainmeachadh mar a thèid na milleanan notaichean de thaic-airgid Eòrpaich airson an iasgaich a chosg.

Dh'fhoillsich Rùnaire an Iasgaich, Ridseard Lochhead, an naidheachd 's e ann an Uibhist Dimàirt.

"Tha còrr air £6m air a thoirt dhan ghnìomhachas, agus an cois sin tha £1.4m ga thoirt dha na buidhnean ionadail iasgaich airson rannsachadh a dhèanamh air an dòighean ùra a thathar a' coimhead ri riaghladh an iasgaich anns na h-uisgeachan as fhaisge air a' chladach," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Ron a seo, tòrr den rannsachadh a bhathar a' dèanamh, 's ann air iasg geal a-mach air na h-uisgeachan a b' fhaide a-muigh a bha sin, agus cha robh mòran ga dhèanamh air maorach agus far an robh na bàtaichean iasgaich ag obair.

Leasachaidhean

"Mar a tha sinn a' coimhead air adhart, tha tòrr ghnìomhachasan eile a' coimhead ri grunnd na mara, gu h-àraid cumhachd ath-nuadhachail.

"Tha e air leth cudromach gu bheil fhios aig a h-uile duine dè a' bhuannachd eaconamach a tha an t-iasgach a' toirt anns na diofar sgìrean.

"Agus bidh innealan a' dol air feadhainn de na bàtaichean a' sealltainn far a bheil iad ag iasgach, agus dè a' bhuannachd eaconamach a tha iad a' toirt à diofar àiteachan den chuan," thuirt e.

Tha earrainn den airgead cuideachd a' dol gu trì bàtaichean iasgaich eileanach, airson leasachaidhean a dhèanamh air bòrd.

"Tha trì bàtaichean anns na h-Eileanan an Iar air còrr air £6,000 fhaighinn airson leasachaidhean a dhèanamh air bòrd nam bàtaichean a tha sin," thuirt Mgr MacAonghais.

Prògram ùr

"Tha am prògram a tha sin a-niste a' tighinn gu crìch, agus tha prògram ùr a bhios a' tòiseachadh an ath-bhliadhna.

"Agus bidh sinn an dòchas gum bi a' cheart uimhir de bhàtaichean agus diofar chompanaidhean anns na h-Eileanan an Iar a' coimhead ri neartachadh a dhèanamh air a' ghnìomhachas acasan agus aig na companaidhean anns na bliadhnaichean a tha romhainn anns a' phrògram ùr.

"Chan eil teagamh sam bith gu bheil seo air leth cudromach dhan ghnìomhachas, ri linn, nuair a sheallas sinn £6m, nuair a thèid airgead eile na lùib tha e a' leudachadh gu £14m dhan ghnìomhachas air fad, le airgead prìobhaideach a' tighinn a-steach ann.

"Nis, gun an £6m a tha a' tighinn bhon Roinn Eòrpa, cha thachradh e idir.

"Agus nuair a sheallas sinn faisg air £1.5m airson iasgach gu h-àraid aig ìre ionadail agus anns na h-uisgeachan as fhaisge air tìr, cha bhiodh e air tachairt idir.

"Tha sinne a' faicinn gu bheil e air leth cudromach agus tha e a' toirt bun-stèidh an uair sin, nuair a bhios na pròiseactan a tha seo deiseil, airson riaghladh ùr agus cothrom a thoirt dha na buidhnean aig ìre ionadail riaghladh an iasgach, gu h-àraid am maorach, ann an dòigh a bhios maireannach anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile