Balach air a thoirt a-mach à gainmhich sna Hearadh

Tràigh Scarastadh Image copyright Geograph/Mike O'Shea
Image caption Bha an gille a' cluich air an tràigh nuair a chaidh e sìos dhan ghainmhich ann an Scarastadh.

Chaidh cobhair a dhèanamh air gille, 13, a chaidh a ghlacadh fo ghainmhich anns na Hearadh feasgar Diciadain.

Bha an gille a' cluich air an tràigh nuair a chaidh e sìos dhan ghainmhich ann an Scarastadh.

Chaidh fios air maoir-chladaich à Steòrnabhagh agus an Tairbeart airson cobhair a dhèanamh air.

Thog heileacoptair nam Maor-Cladaich gu ruige Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh e, far a bheil e a' faighinn thairis air na thachair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile