Fois-fòirneart nan Geamaichean?

Dè a' bhuaidh a bhios aig Geamaichean a' Cho-fhlaithis air an deasbad mu dheidhinn neo-eisimeileachd?

An-diugh, bidh a' Bhanrìgh aig Pairc Celtic airson na fèise spòrs as motha a chunnaic Alba a-riamh.

Cha chluinnear guth air poileataigs idir - ach chithear an luchd-poileataigs air feadh an àite.

Tha Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond air a bhith a-mach mar-thà air a' bhuaidh a bheir na Geamaichean air Glaschu agus Alba nuair a bhios an samhradh sònraichte seo seachad.

Cha dèan iad iomradh fosgailte air bhòt na Sultaine air eagal 's gun dèan e barrachd cron no feum orra.

Ach, ao-choltach bhon a' chòrr dhe na daoine a tha a' coimhead a-nochd, cha bhi an reifreann fada bhon inntinn.

Càirdeas

Rinn am prìomhaire coimeas eadar Glaschu 2014 agus Lunainn 2012, nuair a bha Bratach an Aonaidh ri fhaicinn anns gach àite agus 'Breatainneachas' ga mholadh gun sguir.

Agus, dè tha anns a' cho-fhlaitheas fhèin ach nan dùthchanan a bha uaireigin beò fon bhràtach sin, anns an ìmpearachd air nach deach a' ghrian fotha (ged nach bi Poblachd na h-Èireann no na Stàitean Aonaichte an làthair)?

Don phrìomh mhinistear, ge-tà, 's e a' phuing gu bheil a' mhòrchuid dhe na dùthchanan sin a-nis neo-eisimeileach agus nach d'rinn sin cron air a' chàirdeas le Breatainn idir.

Agus, an turas-sa, 's e sgiopa na h-Alba a bhios a' cluich aig an taigh, seach Team GB.

Tha fios aig an dà thaobh, ge-tà, nach faigh iad èisteachd tro na Geamaichean agus mar sin tha dùil ri nadar de dh'fhois-fòirneirt gus an till a' Phàrlamaid airson seisean sònraichte an Lùnastal.

Sin fhad 's nach tarraing gun dhiubh bratach sam bith bhon phoca aca.