Cead ga dhiùltadh do thuath-gaoithe
- Published
Chuir Ministrealachd an Dìon an aghaidh iarrtais airson cead-dealbhachaidh do chrann-gaoithe air raon goilf Àsgairnis ann an Uibhist a Deas.
Tha an MoD air cur an aghaidh phlanaichean airson tuathan-gaoithe san sgìre roimhe, 's dragh orra mun bhuaidh a bhiodh aca air siostaman rèidear raoin nan rocaidean.
Ach thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Dòmhnall Manford, nach robh còir aig an MoD gnothach a ghabhail ris a' chùis seo seach gum bi an crann-gaoithe taobh a-muigh na sgìre thèarainte aca ann an Uibhist.
"Tha e dìreach maslach, am bacadh a thathar a' cur air toirt air n-aghaidh muilnean-gaoithe a chuidicheas coimhearsnachdan," thuirt e.
Cumhachd
Thuirt Mgr Manford gu bheil cumhachd aig Comhairle nan Eilean Siar a ràdh a bheil pròiseict, leithid crann-gaoithe, a' dol a chur bacadh, no nach eil, air taobh a-muigh sgìre thèarainte an MoD.
Thuirt e gu bheil a' Chomhairle a' leigeil an MoD a-steach air gnothaichean nuair nach leigear a leas; bheachdaich e cuideachd ge-tà, nach eil an MoD neo-chiontach nas mò.
"Thàinig e a-mach gu soilleir nach urrainn dhaibh innse eadar muileann-gaoithe, no càr, no bus. Chan urrainn dhaibh an diofar innse.
"A bheil iad a' dol a chur plèana dha na speuran a h-uile trup a chì iad bus clann-sgoile a' dol suas an rathad? Chan eil.
"Ach, a dh'aindeoin sin, tha iad a' cur a-staigh nan gearainean," thuirt e.
Briseadh-dùil
A thaobh phròiseactan ann an àiteachan sam bith a th' air taobh a-muigh nan sgìrean glèidhte, bheachdaich Mgr Manford nach bu chòir an cothrom a bhith air a thoirt dhaibh.
"Tha còir aig a' Chomhairle a ràdh nach eil an làn-chead laghail aca tighinn a-staigh agus gearain, ach air an aon ràmh ris a h-uile duine eile," thuirt Mgr Manford.
Dh'innis Mgr Manford gu bheil mòran dhaoine san sgìre air briseadh-dùil fhaighinn 's iad air a bhith a' sireadh cead-dealbhachaidh airson diofar sgeamaichean.
Thuirt e gun robhar tric air airgead mòr a chosg, a' smaoineachadh gun robhar air riaghailtean na Comhairle a leantainn.
"Tha e suas ri £50,000, aig an ìre as saoire, airson tòiseachadh air cead-dealbhachaidh a dhèanamh.
"Feumaidh a' Chomhairle dèanamh nas fheàrr le daoine na tha iad," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 13 An t-Ògmhios 2014
- Published
- 9 An Cèitean 2014