Triùir iasgairean air an sàbhaladh

Chaidh triùir iasgairean à Inbhir Ùige a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain an dèidh dhan bhàta aca air dhol fodha sa Chuan Sgìth.

Bha sgioba an Osprey, a bha mu 10 mìle an iar-dheas air a' Pharbh, air fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 6:40f oidhche Chiadain.

Bha an triùir ann an rath-sàbhalaidh nuair a ràinig heileacoptair nam Maor-cladaich, 's chaidh am bàta fhèin fodha goirid às dèidh sin.

Chaidh an toirt dhan ospadal leis an heileacoptair airson sgrùdadh meidigeach fhaighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile