Trioblaid fòn anns na h-Eileanan an Iar
- Published
image copyrightBBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Tha BT ag ràdh gur ann san ionad aca ann an Geàrrloch a nochd trioblaid a chur maill air siostaman fòn agus eadar-lìn anns na h-Eileanan Siar.
Thathar a' tomhais gun do chaill mu 3,000 de luchd-cleachdaidh BT an ceangal eadar-lìn aca air sgàth na trioblaid.
Thug an trioblaid buaidh cuideachd air siostam coimpiutaireachd na companaidh aiseig, Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a' fàgail gur e airgead a-mhàin a dh'fhaodadh luchd-obrach a ghabhail bho dhaoine a bha a' ceannach thiceadan agus nach robh air na h-àiteachan aca a chur air dòigh ro-làimh.
Tha BT air leisgeul a thabhainn air daoine a chaill na seirbheisean aca agus thuirt iad gur e trioblaid san ionad aca ann an Geàrrloch a thug buaidh air a' cheangal rèidio aca le Steòrnabhagh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh