Càineadh air ceangal-rathad Inbhir Nis

Ìomhaigh de choltas an t-seach-rathad Image copyright BBC (le cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd)
Image caption Tha am pròiseact air a bhith gu math connspaideach.

Tha feadhainn a tha a' strì an aghaidh phròiseact seach-rathad Inbhir Nis ag ràdh gu bheil e "gun stiùir".

Bha Urras Catharra a' bhaile a' bruidhinn 's Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachd air dè bu chòir a dhèanamh san t-strì laghail eadar iad fhèin agus a' chompanaidh mhòr-bhùithdean Tesco.

Bha Tesco air gealltainn £340k a chur mu choinneimh an rathaid ùir - nan deadh a thogail ro 2011.

Seach nach do thachair sin, 's iad air aonta laghail a dhèanamh leis a' Chomhairle, tha a' chompanaidh a' diùltadh an t-airgead a phàigheadh.

Tha Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, ag ràdh gu bheil fhathast "argamaid mhoralta" ann gum bu chòir do Thesco na gheall iad a thoirt seachad.

"Deasbad mòr"

Tha Urras Catharra Inbhir Nis ag ràdh gum bu chòir deasbad a chumail a-nis air a' phròiseact anns an fharsaingeachd.

Tha iad-san mì-thoilichte leis an t-slighe a ghabhas an rathad ùr - roghainn 6 mar a thathas a' gabhail air.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh ge-tà gum bi an ceangal-rathad na fhuasgladh do thrioblaidean trafaig ann an Inbhir Nis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo