Iomairt gus seann bhun-sgoil a ghleidheadh
- Published
Thèid coinneamh phoblach a chumail san Òban Disathairne mar phàirt de dh'iomairt airson fear de sheann togalaichean a' bhaile a ghleidheadh.
'S e seann Bhun-sgoil Achadh na Creige aon de na togalaichean as sine sa bhaile.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh seann Bhun-sgoil Achadh na Creige, togalach Bhictorianach a tha clàraichte aig ìre B, a reic ri Comann Taigheadais Choimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Not.
Tha a' Chomhairle cuideachd air iarraidh air Alba Aosmhor an dìon laghail a th' air an togalach a sguabadh às.
Bheireadh sin cothrom dhaibhsan taighean saora a thogail air an làraich, às dèidh dhan t-seann togalach a bhith air a leagail.
Tha seo air connspaid adhbharachadh san sgìre ge-tà, le cuid a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil còir aca an togalach Bhictorianach a ghleidheadh.