Dragh mu sheirbheis slàinte Mhuile

Steatasgòp
Image caption Tha Muilich iomagaineach mun t-seirbheis slàinte san eilean.

Iarraidh riochdairean coimhearsnachd ann am Muile coinneamh ri Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, is dragh ann mun t-seirbheis slàinte san eilean.

Tha na h-uimhir de sgìrean air a' Ghàidhealtachd a-nise às aonais dhotairean a nì frithealadh orra air an oidhche agus air an deireadh sheachdain.

Ged a chaidh moladh ùr a stèidheachadh gus frithealadh air taobh siar Loch Abair, tha e air faileachadh air NHS na Gàidhealtachd thuige seo gu leòr de dhotairean làn-ùine fhastadh gus a chur an-sàs mar a bha dùil.

Còmhraidhean

Tha ionad an dotair ann an Tobar Mhoire a-nise air innse gun sguir iad ris an t-seirbheis san Damhair is tha còmhraidhean a' leantainn a thaobh na thachras aig an ionad ann am Bun Easain, far a bheil dithis dhotairean gus na dreuchdan aca fhàgail.

Thuirt tè de chomhairlichean Mhuile, Màiri Sìne Devon, gu bheil na h-eileanaich draghail mun t-suidheachadh is gu bheil grunn cheistean aca mu sheirbheis na slàinte san eilean san fharsaingeachd.

"Tha dithis dhotairean ann am Bun Easain a' leigeil dhuibh an dreuchd san t-Sultain. Chaill sinn dotair san t-Sàilean, ged a fhuair sinn dotair ùr, is a-nise tha an dithis ann an Tobar Mhoire air innse nach toir iad seachad taobh a-muigh nan seirbheisean àbhaisteach.

"Chan eil againn san eilean air fad ach aona chrìutha charbad-eiridinn - eilean a tha 270 mìle cearnagach", thuirt i.

Iomairt

Thuirt an Comh. Devon gu bheil iad 'son an gnothach a dheasbad le Ailig Neil is thuirt i gum beachdaich iad air iomairt a dhèanamh còmhla ri muinntir taobh siar Loch Abair san t-srì acasan.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil dleastanas orrasan "seirbheis iomchaidh" a chur air dòigh ann an sgìrean far a bheil dotairean air co-dhùnadh gun a bhith ag obair taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

Dh'innis am Bòrd-Slàinte gum bi seiseanan fiosrachaidh aca ann am Muile gus innse do dhaoine dè an t-seòrsa seirbheis a bhios aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile