Aire air Cupa MhicAmhlaidh

Caol Bhòid Image copyright SNS
Image caption Tha Caol Bhòid ag amas air soirbheas a bharrachd ann an Cupa MhicAmhlaidh.

Thèid an dà sgioba as àirde ann am Prìomh Lìog na h-iomain an aghaidh a chèile sa Mhanachainn Disathairne 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh.

Tha Lòbhat air puingean cudromach a leigeil às san lìog bho chionn beagan sheachdainean, a' fàgail gur ann aig Bail' Ùir an t-Slèibh a-nise a tha làmh an uachdair aig mullach na lìge.

Bidh na h-uimhir de mhisneachd aig Lòbhat ge-tà, is iad mar tha air a' chùis a dhèanamh air a' Bhail' Ùr 2-0 nas tràithe air an t-seusan, is Cupa MhicThàmhais aca sa phreas cuideachd.

Tha a h-uile coltas ann gum bi iad as aonais Drew Howie a-rithist ach tillidh am fear-glèidhidh aca Stiùbhart Dòmhnallach dhan sgioba is tha iad an dòchas gum bi Greg MacMhathain fut gu leòr 'son tilleadh aig an aghaidh.

Tha am Bail' Ùr fhèin air obair mhòr a dhèanamh gus fuireach aig mullach na lìge ged a bha iad tric às aonais chluicheadairean glè chudromach tron t-seusan.

Ceum

Chaill iad sa chuairt dheireannaich den fharpais ri Caol Bhòid an-uiridh, is bidh gu mòr 'son a dhol ceum nas fhaide am-bliadhna.

Thèid Caol Bhòid fhèin an aghaidh Camanachd an Òbain Disathairne san iar-chuairt dheireannaich aig deas.

Tha sgioba Thaigh na Bruaich ann an sunnd an-dràsta ach gu bheil iad a' faireachdainn car goirt fhathast a thaobh mar a chaidh iad a-mach à Cupa na Camanachd an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

'S e Cupa MhicAmhlaidh a-nise an aon chothrom a th' aca gus an dàrna farpais a bhuannachadh am-bliadhna is còrdaidh e riutha cuideachd cluich air a' phàirc mhòir san Òban.

Tha sgioba an Òbain fhèin a' dol gu math san lìog nàiseanta ach dh'fhaoidhte gur e ceum ro mhòr a bhios an seo dhaibh.

Cothrom

Sa Phrìomh Lìog, feumaidh Loch Abar buannachadh aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile gus cothrom sam bith a bhith aca air fuireach san lìog.

Chan eil mòran sam bith a' crochadh air a' gheama eile ach gur dòcha gum bi Inbhir Aora ag iarraidh dìoghaltais an aghaidh Ghlinne Urchadain is iad air call nan aghaidh bho chionn beagan sheachdainean ann an Cupa na Camanachd.

Ann an Lìog Tuath 1, faodaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich gluasad ceum nas fhaisge air an lìog a bhuannachadh le dà phuing air falbh an aghaidh Lòbhait, air an do rinn iad a' chùis 2-0 ann am Port Rìgh bho chionn seachdain.

Thèid dàrna sgioba an eilein an aghaidh Chinn Loch Seile is feum mòr aca air puingean air adhbhar car diofraichte is iad a' feuchainn ris an àite san lìog a ghlèidheadh.

Ann an Siabost, cluichidh na Leòdhasaich a' chiad gheama aca bho fhuair iad àite sa phrìomh thrì ann an Lìog Tuath 3.

Bidh iad às aonais Dhonnchaidh Mhic an t-Saoir is Scott Moireach ach bidh dùil aca ri sluagh mòr is an geama an aghaidh Chabair Fèidh a' tòiseachadh aig 2:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile