Kerry Nic a' Phì deiseil airson farpais

Kerry Nic a' Phì
Image caption Bidh Kerry Nic a' Phì an lùib sgioba na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

Thèid eachdraidh a dhèanamh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis Dimàirt nuair a thèid Kerry Nic a' Phì, às Uibhist a Deas, an sàs san fharpais bhaidhsagal-beinne air Bruaichean Cathkin.

'S i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan Siar a bhios air pàirt a ghabhail anns na Geamaichean.

Dòchasach

Chan eil ach bliadhna o ghluais aire Kerry bhon triathlon, far an robh i a' farpais aig ìre eadar-nàiseanta mar-thà, dhan bhaidhsagal, agus rèisean baidhsagal-beinne.

Tha ullachadh Kerry a-nis deiseil, ach tha feadhainn eile ann dham bi an rèis a' cheart cho duilich - teaghlach Kerry.

'S gann gu bheil màthair Kerry, Ann, ga chreidsinn: "Chanainn-sa gu bheil mi a' faireachdainn caran neònach nam bhroinn fhèin; tha e doirbh a chreidsinn gu bheil seo a' tachairt, a dh'innse na fìrinn.

"Thathar air a bhith a' bruidhinn air o chionn dhà no trì sheachdainean a-nis, 's tha thu ag ràdh riut fhèin, cha tig e gu bràth, ach cha-mhòr nach eil an là ann an seo agus tha mi dìreach an dòchas gun tèid gu math dhi."

Geamaichean Eileanach na Cruinne

Tha Kerry gu bhith a' riochdachadh sgioba na h-Alba aig na Geamaichean ach, a rèir a h-athar, Don, bha an t-eòlas a thog i aig Geamaichean Eileanach na Cruinne na chuideachadh mòr dhi.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a' bhuidheann a thug dhi an togail-cridhe as motha a bh' aice on a thòisich i, on chaidh i a-null an sin 's gun mòran dùil gun tigeadh gnothaichean gu mòran sam bith.

"Ach là an dèidh là bha naidheachd a' sìor-thighinn 's a' sìor-thighinn; 's e togail cridhe eagallach a bh' ann 'son a' bhaile agus airson an eilein.

"Airson Kerry fhèin, saoilidh mi gur ann an uair sin a thuig i gum b' urrainn dhi a bhith na pàirt de bhuidhinn nas àirde, seach dìreach a bhith ag obair leatha fhèin," thuirt e.

Trèanadh

Tha sgioba na h-Alba air a bhith a' trèanadh air a' chùrsa aig Bruaichean Cathkin airson greis, ach tha coltas ann nach eil a bhith aig an dachaigh gu bhith na bhuannachd mòr dhaibh, 's na h-ùghdarrasan fhathast ag atharrachadh phìosan den chùrsa.

A rèir piuthar Kerry, Kirsty, tha sin a' fàgail gun robh cuid den ullachaidh a rinn an sgioba gun fheum.

"Nuair a bha i a' trèanadh mìos no dà mhìos air ais, bha Scottish Cycling a' dèanamh tòrr 'video analysis' airson pìosan a bha gu math doirbh dhaibh ... tha pìosan mar sin a-nis air a thighinn a-mach às a' chùrsa," thuirt Kirsty.

A thaobh buannachd do sgioba na h-Alba, thuirt i: "Tha rud beag 'home advantage' ann, ach a-nis air sgàth 's gu bheil a h-uile sìon air atharrachadh, tha mi a' smaoineachadh gum bi a h-uile duine 'level pegging', mar a chanas iad, aig toiseach na rèis."

Moiteil

Leis nach eil i air a bhith a' dèanamh farpaisean baidhsagal-beinne ach airson bliadhna, tha cùisean air a bhith gu math doirbh dha Kerry aig amannan, ach tha sin a' fàgail gu bheil an teaghlach gu math moiteil aiste.

Tha fhios gu bheil Kerry a-nis deiseil airson na rèise, ach dè mu dheidhinn a teaghlaich?

"Chan eil," arsa Ann, a màthair. "Tha, 's chan eil."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile