Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Elanor Whitelaw

Tha boireannach aois 85 a fhuaireas 's i air a goirteachadh gu fìor-dhona ann an Dùn Èideann air bàsachadh. Chaidh Elanor Whitelaw a thoirt dhan ospadal bho chionn cola-deug an dèidh mar a chaidh lorg fhaighinn oirre na dachaigh ann am Morningside. Thuirt Poilis na h-Alba gur e cùis mhuirt a th' anns a' ghnothach a-nise. Chaidh casaid oidhirp air murt agus ionnsaigh a chuireadh cuideigin ann an cunnart am beatha a chur mu choinneimh Raibeart Buczek, aois 23. Nochd e mu choinneimh Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann Diluain. Cha do rinn e tagradh sam bith, agus chaidh a chumail an grèim.

Sochairean In-imreach

Tha Daibhidh Camshron airson an ùine a bhios ceadaichte do dh'in-imrich sochairean sòisealta fhaighinn a lùghdachadh gu trì mìosan. A' sgrìobhadh anns a' phàipear-naidheachd an Telegraph an-diugh, thuirt am Prìomhaire gu bheil e airson 's gum bi Breatannaich a' faighinn prìomhachais ann an siostam nan sochairean.

Gàsa

Tha sabaid chruaidh air a bhith a' dol ann an Gàsa feadh na h-oidhche a-rithist eadar feachdan Israelach agus reubaltaich Hamas. Tha e air aithris gun do bhàsaich co-dhiù 13 duine de Phailistinianaich. Thuirt Israel gun deach còignear de an cuid shaighdearan a mharbhadh.

Prìs Thaighean

Thàinig àrdachadh cha-mhòr 6% anns a' chumantas air prìs thaighean ann an Alba anns a' bhliadhna a chaidh seachad a rèir nam figearan oifigeil as ùire. Thàinig àrdachadh cuideachd anns an àireamh thaighean a tha gan reic.

An A82

Tha rathad an A82 dùinte gach taobh an-dràsta trì mìle gu tuath air Aiseag a' Chorrain ri linn tubaist-rathaid. Tha na Poilis a' toirt rabhaidh do dhaoine gu bheil maill air cùisean anns an sgìre, agus thathas an dùil gum bi an rathad dùinte greis fhathast.

Ceann Phàdraig

Tha dùil ri fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Ceann Phàdraig an-diugh fhathast 's e fo chasaid gun tug e ionnsaigh air duine taobh a-muigh chluba-oidhche anns a' bhaile. Tha an duine a tha 47 bliadhna de dh'aois, anns an ospadal 's e air a dhroch leòn air sgàth na h-ionnsaigh, a thachair tràth madainn na Sàbaid taobh a-muigh chluba Mambo's air Sràid na Bànrighinn.