Goireas cùraim ùr san amharc am Barraigh

  • Air fhoillseachadh
Bàgh a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,
Seach dachaigh chùraim san t-seann dòigh, le rùmanan fa leth do dhaoine, thathas a' moladh ionad taigheadais a thogail far am biodh flat fa leth aig gach duine.

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus NHS nan Eilean Siar ag ràdh gum bi am "modail cùraim" ùr a th' aca airson Ospadal is Dachaigh Chùraim Naoimh Bhrianain glè fhreagarrach dhan sgìre.

Tha am modail seo stèidhichte air taigheadais, le cothrom ga thoirt dha euslaintich fuireach ann am flat leotha fhèin taobh a-staigh ionaid.

Bidh cùraim ga thoirt dhaibh san ionad.

Tha an t-ùghdarras ionadail agus am bòrd slàinte air am plana a chur gu Riaghaltas na h-Alba, far an tèid beachdachadh air.

Ionad taigheadais

Seach dachaigh chùraim san t-seann dòigh, le rùmanan fa leth do dhaoine, thathas a' moladh ionad taigheadais a thogail far am biodh flat fa leth aig gach duine, le barrachd cùraim ga thoirt seachad dhaibh fa leth.

Thuirt Iain MacAmhlaigh, Stiùiriche Seirbheisean Sòisealta agus Coimhearsnachd: "Bidh an luchd-obrach anns an ionad a tha seo, agus bidh daoine air chothrom cùraim fhaighinn fad an là, fad na h-oidhche."

Thuirt e gu bheil am modail ùr seo a' toirt cothrom do dhaoine àite a bhith aca dhaibh pèin, seach a bhith a' fuireach, mar gum biodh, mar bhuidheann.

A thaobh cùraim, thuirt e gum biodh sin a rèir dè na feumalachdan a th' agad fhèin, agus chan ann a rèir dè na feumalachdan a th' aig a' bhuidheann mar aon.

"Ma tha feumach air cùraim 24 uairean san là, 's urrainn dhut sin fhaighinn," thuirt e.

Eadar-dhealachadh

Dh'innis Mgr MacAmhlaigh mu aon eadar-dhealachadh a bhios na fhaochadh mòr do mhuinntir an eilein.

An-dràsta, nuair a tha duine a' dol gu dachaigh chùraim, bithear a' coimhead air dè na th' aca de dh'airgead air a shàbhaladh agus cuideachd dè an luach a th' anns an taigh aca.

Fo-thiotal an deilbh,
Tha na bhios aig neach ri phàigheadh a rèir na th' aca de dh'airgead, agus tha sin air a bhith na uallach do mhòran dhaoine.

Tha na bhios aca ri phàigheadh gach seachdain a rèir na th' aca de dh'airgead, agus tha sin air a bhith na uallach do mhòran dhaoine.

Ach a rèir Mhgr MhicAmhlaigh, chan eil am modail taigheadais a' coimhead air an leithid: "Chan eil luach slàn an dachaigh agad a' tighinn a-staigh dhan t-suidheachadh agus mar sin, bidh e gu math nas saoire do dhaoine aig a bheil an dachaigh phrìobhaideach aca fhèin.

"Bidh sin na bhuannachd gu math mòr do dhaoine a tha an-dràsta a' pàigheadh suas ri £800-900 san t-seachdain airson a bhith ann an dachaigh-cùraim," thuirt e.

Cùraim

Nochd draghan roimhe mun ìre seirbheis a bhiodh ri fhaotainn san ionad ùr, agus bha mì-chinnt am measg luchd-obrach cuideachd a thaobh an ìre cùraim.

Dh'innis Mgr MacAmhlaigh gu bheilear air coinneachadh ri muinntir na coimhearsnachd grunn thursan, 's gu bheilear air na ceistean a chaidh a chur orra a rannsachadh.

An lùib sin, thuirt e gun tug iad sùil air àiteachan air tìr-mòr far a bheil am modail taigheadais seo mar-thà an sàs.

"Tha daoine a-nis na riaraichte. Tha iad air barrachd fiosrachaidh fhaighinn, agus tha daoine a' toirt taic a-nis dhan mhodail a tha sinn air a chur air adhart chun an Riaghaltas," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh