Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Hearadh

Tha a h-uile coltas gu bheil còrr is fichead neach anns na Hearadh a' dol a chall an cosnadh, 's dùil gu bheil a' chompanaidh GSH Group a' dùnadh na h-oifis aca air an Tairbeart. Dh'innis a' chompanaidh a tha an sàs ann an obair-stiùiridh chumhachd agus ghoireasan nas tràithe air an t-Samhradh gun robh iad airson cosgaisean a ghearradh, air sgàth crìonadh san eaconamaidh, agus gun dèanadh iad ath-sgrùdadh air an obair aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt tè de chomhairlichean na Hearadh, Catrìona Dhòmhnallach, gur fìor-bhuile chruaidh a tha seo dhan eilean, agus gur e obraichean a bha seo a bha a' cumail dhaoine anns na Hearadh.

Gàsa

Dh'iarr Rùnaire Cèin Bhreatainn, Philip Hammond, air an dà chuid Hamas agus Israel an t-sabaid eatorra a stad. Thuirt luchd-slàinte Pailistinianach gun deach co-dhiù 15 duine a mharbhadh, agus 70 neach a ghoirteachadh ann an ionnsaigh air sgoil an UN ann an Gàsa. Tha na Dùthchannan Aonaichte ag ràdh gun deach innse do dh'Israel mu làrach na sgoile 17 tursan. Thuirt Mgr Hammond cuideachd gu bheil beachd an t-sluaigh gu ìre mhòir a' gluasad an aghaidh Israel ri linn na tha iad a' dèanamh.

Ebola

Thèid coinneamh de chomataidh èiginneach an Riaghaltais a chumail nas fhaide air adhart anns an là airson bruidhinn air mar a tha an galar Ebola a' sgapadh ann an ceann an iar Afraga. Tha faisg air 700 neach air bàsachadh ann an Sierra Leone, Liberia, Guinea agus Nigeria o thàinig an galar dhan fhollais. Thèid meòrachadh aig a' choinneimh air na cunnartan a th' ann do Bhreatainn ri linn a' ghalair.

Tubaist mhara

Tha aithrisean a' tighinn a-steach gun deach co-dhiù 20 neach a bhàthadh an dèidh tubaist eile sa Mhuir Mheadhan-Thìrich. Tha a h-uile coltas gur iad in-imrich a bh' air bòrd a' bhàta a chaidh sìos chun an ear air prìomh bhaile Libia, Tripoli. Chaidh cobhair a dhèanamh air còrr air 20 duine, ach tha iadsan ag ràdh gun robh còrr air 150 air bòrd nuair a dh'fhàg i tìr. Chan eil fhios fhathast dè a dh'adhbharaich gun deach am bàta sìos.

Barclays

Dh'fhoillsich a' bhuidheann bancaidh Barclays gun tàinig lùghdachadh air na prothaidean aca ro chìsean airson a' chiad sia mìosan den bhliadhna. Rinn am banca prothaid de £3.35bn eadar am Faoilleach 's an t-Ògmhios - sin lùghdachadh de 7% air na rinn iad an-uiridh.

Usain Bolt

Aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis an Glaschu tha manaidsear Usain Bolt air a dhol às àicheadh aithrisean gun robh am fear-ruith air a ràdh nach robh geamaichean Ghlaschu irid a' còrdadh ris. Tha aithris ann an cuid de phàipearan-naidheachd madainn an-diugh gun deach a chluinntinn ag ràdh nach robh na geamaichean càil cho math idir ris na h-Olympics, am measg eile. Thuirt a mhanaidsear, Ricky Simms, gun robh deagh fhaireachdainn anns a' bhaile, agus nach eil fhios aige cò às a thàinig na h-aithrisean sin. 'S thuirt Bolt fhèin ann an tweet madainn an-diugh, gur e "breugan" a bh' aig an luchd-naidheachd.