21 a' call cosnaidh ann am Brùra

Neach-obrach ann an ionad-fòn
Image caption Thàinig an naidheachd gu bheil an t-ionad-fòn a' dol a dhùnadh mar chlach às an adhar.

Tha còrr air fichead cosnadh ga chall ann am Brùra agus a' chompanaidh Serco a' dùnadh an ionaid aca sa bhaile.

Bha Serco, a tha a' ruith sheirbheisean air feadh an t-saoghail, a' cumail cosnaidh ri 21 duine san ionad-fòn aca ann am Brùra.

Ach a-nis, thathar am beachd na h-obraichean sin a ghluasad a Ghlaschu, agus tha iad air cosnadh a thabhann do luchd-obrach Bhrùra an sin.

Thàinig an naidheachd gu bheil an t-ionad-fòn a' dol a dhùnadh mar chlach às an adhar dhan choimhearsnachd air taobh sear Chataibh.

Thuirt ceannard na comhairle san sgìre, Deirdre NicAoidh, gur e fìor bhuille a th' ann cosnaidhean a chall aig àm sam bith, ach gu bheil a' bhuaidh nas miosa buileach ann an coimhearsnachd bhig.

Tha Ms. NicAoidh a' cur ìmpidh air a' Chomhairle agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean obrachadh còmhla gus an t-suidheachadh a leasachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile