Lagh a thaobh dùnadh sgoiltean air atharrachadh
- Published
Tha riaghailtean ùra gan cur an gnìomh a bheir barrachd dìon do sgoiltean dùthchail bho bhith air an dùnadh.
Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan, gun toireadh na laghan ùra "dìon chudromach" do sgìrean dùthchail.
Tha an t-atharrachadh air Achd na Cloinne agus nan Daoine Òga a' fàgail gum feum ùghdarrasan ionadail co-chomhairleachaidhean nas mionaidiche a dhèanamh ma tha iad airson sgoiltean a dhùnadh, gu sònraichte sgoiltean air an tuath.
Molaidhean
Tha na riaghailtean ùra a' nochdadh mar thoradh air aithisg bho Choimisean Lìbhrigidh an Fhoghlaim Dhùthchail.
Chaidh an Coimisean a chur air bhonn o chionn beagan bhliadhnaichean, às dèidh connspaid mu dhùnadh sgoiltean anns na h-Eileanan Siar agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Am measg molaidhean an Riaghaltais, tha gum bi pròiseas a' cho-dhùnaidh nas soilleire, gus am bi pàrantan agus coimhearsnachdan nas fhiosrachaile, agus gus am faodar pàirt a ghabhail ann.
Dh'fheumadh cuideachd fiosrachadh mionaideach ionmhasail mu sgoiltean a bhith air fhoillseachadh le ùghdarrasan ionadail a dh'iarradh sgoil a dhùnadh.
Dh'fheumadh oifigich cuideachd a bhith a' sìor-shealltainn gur ann gu maith foghlaim na cloinne a bhiodh dùnadh sgoile.
Tagradh
Fo na riaghailtean ùra, dh'fhaodadh coimhearsnachdan tagradh a dhèanamh an aghaidh rud sam bith a tha ceàrr ann am planaichean comhairle airson sgoil a dhùnadh.
Nan deadh an leithid de phlana a dhiùltadh, bhiodh an sgoil ga dìon bho oidhirp sam bith eile a dùnadh airson còig bliadhna.
Tha ùghdarrasan ionadail air stiùireadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba mu na h-atharrachaidhean air fad.
Thuirt Mgr Allan: "Tha mi air mo dhòigh gun deach againn air ar gealltanas gus còirichean choimhearsnachdan a neartachadh a thaobh a bhith a' dùnadh sgoiltean a choileanadh.
"A thuilleadh air dìon cudromach a chur air sgoiltean dùthchail, nì na riaghailtean seo cinnteach gu bheil co-chomhairleachaidhean ceart agus stèidhichte air fiosrachadh a tha fìor.
"Tha sgoiltean dùthchail aig cridhe iomadach coimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd agus bheir an lagh ùr barrachd dìon dhaibh agus, on seo a-mach, bidh aig na h-ùghdarrasan ionadail ri breithneachadh air a' chùis gu cùramach mus tèid dùnadh a mholadh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 18 An t-Samhain 2013
- Published
- 31 An Cèitean 2013