Duilgheadas do chompanaidh mhaoraich

  • Air fhoillseachadh
Muasgan-caolTùs an deilbh, Mallaig and Northwest Fishermen's Association
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Kallin Shellfish draghail gum bi e duilich dhaibh òrduighean a chur dhan Roinn Eòrpa.

Tha companaidh mhaoraich ann an Uibhist air dragh a thogail an dèidh atharrachadh anns an uair a dh'fheumas iad an cuid mhaoraich a thoirt gu ionad bathair ann an Glaschu.

Dh'atharraich a' chompanaidh DFDS an uair a dh'fheumas gnothaichean a bhith aca bho 5:00f, gu 3:00f.

Tha Kallin Shellfish ag ràdh ge-tà, gu bheil e glè dhoirbh dhaibh seo a choileanadh, 's gu bheil cunnart ann gun dèan e duilgheadasan dhaibh am maorach fhaighinn gu margaidh san Roinn Eòrpa.

Ao-comasach

Dh'innis Eachann Stiùbhart, a tha os cionn Kallin Shellfish, gum b' àbhaist gum feumar an t-ionad-bathair a ruighinn ro 5:00f, ach a-nis, ri linn cho trang 's a tha DFDS, tha iad air an uair a thoirt air adhart gu 3:00f.

Thuirt e gu bheil e ao-comasach dhaibh an t-ionad a ruigsinn ann an àm, leis nach eil am bàt'-aiseig a' fàgail Loch nam Madadh gu 07:30m.

"Chan eil rathad againn a bhith ann, agus tha sin a' dèanamh duilgheadas dhuinn," thuirt e.

Bheachdaich Mgr Stiùbhart gu bheil còir aig companaidhean, mar DFDS, a bhith a' coimhead air cùisean leithid siubhail nuair a thathar a' cur chlàran-ama air dòigh.

Clàran-ama

Mar a tha gnothaichean an-dràsta, thuirt Mgr Stiùbhart gum feum am maorach falbh nas tràithe, no a bhith na laighe airson là.

Thuirt e gu bheil e gu math nas duilghe am maorach a chumail beò gus an ruig a' cheann-uidhe, mar a dh'iarradh an luchd-ceannaich.

Ged a tha clàran-ama nan aiseagan nan duilgheadas dhan chompanaidh, leis nach eil aiseag a' falbh à Uibhist ach a-mhàin Diluain, Diciadain agus Dihaoine, chan eil Mgr Stiùbhart a' cur na coire air a' chompanaidh aiseig.

"Na làithean as urrainn dhuinn stuth a chur air falbh, tha e ao-comasach dhuinn faighinn sìos an siud ann an uair. 'S e clàr-ama DFDS as coireach ris a' ghnothach an-dràsta," thuirt e.

Fuasgladh

Thuirt Mgr Stiùbhart ge-tà, gu bheil e na dhuilgheadas nach eil ach trì là as urrainn dhaibh stuth a chur gu Tìr Mòr.

"Nam b' urrainn dhuinn a bhith ann sia là, cha dèanadh e uimhir de dhiofar dhuinn gu bheil an clàr-ama air sioftadh, ach air sàillibh nach eil againn ach na trì, tha sin a' dèanamh barrachd diofair dhuinn," thuirt e

Leis nach eil companaidh lìbhrigidh eile a' dèanamh an leithid, feumaidh Kallin Shellfish leantainn orra le DFDS.

"Feumaidh sinn feuchainn, san t-àm a th' ann an-dràsta, ri obrachadh timcheall air an seo dòigh air choireigin," thuirt Mgr Stiùbhart.