Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàsa

Tha arm Israel ag iarraidh air daoine an Gàsa fuireach a-staigh, 's iad a' leantainn orra leis na h-iomairtean aca. Tha Israel agus Hamas a' cur às leth a' chèile gun bhris iad an fhois-fhòirneart a chaidh a ghairm sa mhadainn an-diugh. Tha oifigearan an Gàsa ag ràdh gun mharbh Israel ceathrar faisg air Rafah, deas air Baile Ghàsa. Thuirt Israel gun deach ionnsaigh le rocaid a thoirt orra-san.

Rolf Harris

Tha Rolf Harris an dèidh cead iarraidh ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh mar a chaidh a dhìteadh airson casaidean drabastachd. Fhuair e am prìosan air a' mhìos a dh'fhalbh airson dusan ionnsaigh air ceathrar nighean.

Bàs

Tha na poilis amharasach mu bhàs an Inbhir Chluaidh. Chaidh an corp a lorg ann an taigh air Sràid Clune Park am Port Ghlaschu a-raoir. Thuirt Poilis na h-Alba gun tèid sgrùdadh bàis a dhèanamh.

Ugràin

Tha reubaltaich a tha taiceil dhan Ruis air deichnear shaighdearan a mharbhadh san Ugràin. Thachair seo faisg air far an tàinig am plèana aig Malaysian Airways sìos. Thuirt neach-labhairt bhon riaghaltas gur dòcha gun deach cuid de na reubaltaich a mharbhadh cuideachd.

Ebola

Chaidh deuchainn airson Ebola a dhèanamh air farpaiseach aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis an t-seachdain seo chaidh. Chaidh aithris gun deach Moses Sesay, fear-baidhsagail à Sierra Leone, a thoirt dhan an t-ospadal is e a' faireachdainn tinn. Rinn doctairean deuchainnean, ach chaidh dearbhadh nach b' e Ebola a bh' air.

Maorach

Tha companaidh mhaoraich an Uibhist draghail gum bi e duilich dhaibh òrduighean a chur dhan Roinn Eòrpa, ri linn 's gu bheil companaidh a tha a' cur am maorach air falbh air na riaghailtean aca atharrachadh. Feumaidh gnothaichean a bhith aig DFDS an Glaschu aig trì uairean feasgar a-nis an àite còig.

Sgoiltean

Thèid riaghailtean a chur an sàs an-diugh a tha ag amas air sgoiltean air an tuath a dhìon. Bidh aig comhairlean ri co-chomhairleachadh nas mionaidiche a dhèanamh ma tha iad airson sgoiltean a dhùnadh, gu h-àraidh feadhainn air an tuath.