Cothrom caillte do Lòbhat

  • Air fhoillseachadh
Raghnall RosTùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Raghnall Ros air ais ann an sgioba Chinn a' Ghiuthsaich agus am measg nan tadhal.

Ghluais Bail' Ùr an t-Slèibh ceum nas fhaisge air Prìomh Lìog na h-iomain a bhuannachadh a dh'aindeoin 's gun do chaill iad aig an deireadh-sheachdain.

Rinn Ceann a' Ghiuthsaich an gnothach air na nàbaidhean aca oidhche Haoine, a' chiad turas a tha sin air tachairt ann an ceithir bliadhnaichean.

Chaidh Ceann a' Ghiuthsaich air thoiseach le tadhal tràth bho Thòmas Borthwick agus thàinig fear eile bho Raghnall Ros gus an geama fhàgail aig 2-0 aig lethach ùine.

Fhuair Danny MacRath tadhal air ais dhan Bhail' Ùr tràth san dàrna leth, ach chaidh Ceann a' Ghiuthsaich air thoiseach 3-1 le tadhal bho Louis Rothach le 13 mionaidean air fhàgail.

Thug MacRath dòchas às ùr dhan Bhail' Ùr le tadhal eile gus am beàrn a ghearradh gu 3-2, ach sin mar a chrìochnaich e.

Misneachd

Oidhche mhòr do Cheann a' Ghiuthsaich is misneachd dhaibhsan air thoiseach air a' gheama aca an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne seo tighinn ann an Cupa na Camanachd.

Thug an naidheachd à Ceann a' Ghiuthsaich spionnadh do Lòbhat is fios aca gun cuireadh fiù 's puing an aghaidh Chaoil Bhòid Disathairne an cothrom gus an lìog a thogail air ais nan làmhan fhèin.

Tha Lòbhat air a dhol bhuaithe bho chionn beagan sheachdainean ge-tà, is cha deach aca air brath a ghabhail air an t-suidheachadh.

Chuir Ruairidh Dòmhnallach Caol Bhòid air thoiseach is thàinig tadhal eile an uair sin bho Dhonnchadh MacIlleChiar.

Thug Friseal Gallagher dòchas do Lòbhat le tadhal anmoch sa gheama agus ged a thàinig tadhal às dèidh sin, 's ann gu Ruairidh Dòmhnallach agus Caol Bhòid a chaidh e, is sgioba Thaigh na Bruaich a' buannachadh 3-1.

Tha sin uile a' fàgail Bhail' Ùr an t-Slèibh dà phuing air thoiseach air Lòbhat le dà gheama fhathast ri chluich, is iad cuideachd air thoiseach a thaobh nan tadhal.

Aig bonn na lìge ghlèidh Ceann Loch Seile puing phrìseil is iad a' crìochnachadh 3-3 aig an taigh an aghaidh Ghlinne Urchadain.

Tha Ceann Loch Seile a-nise dà phuing air thoiseach air Loch Abar le dìreach aon gheama ri chluich, 's iad seachd air thoiseach a thaobh nan tadhal is a h-uile coltas ann gun tèid Loch Abar sìos.

Sunnd

Leum an Gearasdan gu mullach na Lìge Nàiseanta le buaidh 5-1 an aghaidh na Manachainn, 's bidh iad fhèin ann an sunnd a' dol a-steach dhan gheama sin an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich ann an Cupa na Camanachd.

Rinn Camanachd an Eilein Sgitheanaich droch thoiseach-tòiseachaidh aig an taigh an aghaidh Inbhir Nis is sgioba a' bhaile a' dol air thoiseach le tadhal bho Anndra MacEanruig às dèidh trì mionaidean.

Dh'fhaoite gun do dhùisg sin na Sgitheanaich is iad an uair sin a' cur naoi seachad air Inbhir Nis, ceithir dhuibh a' tighinn bho Jordan MacCalmain.

Chan eil a dhìth air na Sgitheanaich a-nise ach ceithir puingean à còig geamaichean gus a bhith cinnteach air an tiotal.

Ann an Lìog Tuath 3 chaidh Srath Spè air thoiseach an aghaidh nan Leòdhasach le tadhal bho Dhòmhnall Colville.

Chuir Dòmhnall MacLaomainn na h-eileanaich co-ionnan le tadhal air leth bho astar, ach 's e Srath Spè a rinn a' chùis air a' cheann thall le slaic-peanais bho Mhark Dòmhnallach, ged a bha na Leòdhasaich den bheachd gur e co-dhùnadh cruaidh nan aghaidh a bha sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh