Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cogadh Mòr

Tha 100 bliadhna ga chomharrachadh an-diugh bho ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt. Thòisich an Cogadh Mòr às dèidh dhan Ghearmailt a dhol thar na crìche aca leis a' Bheilg. Rè a' chogaidh, bhàsaich na deugachadh mhilleanan, mòran dhiubh ann an trainnseachan na Frainge agus na Beilg, mòran eile ann an àiteachan mar Gallipoli, neo aig muir. Chaidh seirbheis a chumail le ceannardan na Co-Fhlaitheis ann an Glaschu, agus bha ceannardan eile an làthair aig seirbheis anns a' Bheilg.

Tha cuimhneachain eile gan cumail ann an coimhearsnachdan thall 's a bhos. Thèid crom-lus fhàgail ann an sgìre Nis aig a h-uile dachaigh às an deach feadhainn a-mach a chogadh. Bidh seirbheis cuimhneachaidh ann an Crosbost an Ceann a Tuath nan Loch an-diugh fhathast cuideachd; bidh 's ann an Tolastadh bho Thuath. Ann an Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach a-nochd, thèid solais a chur an sàs airson a' chiad uair às dèidh aon uair deug as t-oidhche - an uair a ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt.

Gàsa

Dhiùlt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron a ràdh co-dhiù tha e a' smaoineachadh gu bheil dol-a-mach Israel ann an Gàsa, na chùis eucoir. Thòisich fosadh seachd uairean de thìde le Israel bho chionn beagan uairean de thìde. A' bruidhinn air a' BhBC, thuirt Mgr Camshron gur e "call beatha uabhasach" a th' ann. Ach, cha do chleachd e na h-aon bhriathran ri Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki Moon, a thuirt gun robh ionnsaigh Israelach faisg air sgoil leis a' UN ann an Gàsa, anns an do bhàsaich deichnear, na sgrios mhoralta, 's na chùis eucoir.

Co-op

Tha buidheann a' Cho-operative air dearbadh gun do reic iad a' ghnìomhachas tuathanais aca ris an Wellcome Trust air cha-mhòr £250m. Tha an t-aonta a' gabhail a-steach 15 tuathanasan, trì ionadan deasachaidh, 100 taigh agus 27 togalach gnìomhachais.

Crith-thalmhainn

Tha luchd-teasairginn ann an Sìona a' faighinn tàire nan oidhirp faighinn gu làrach ann an sgìre Yunnan, anns an robh crith-thalmhainn an-dè. Chaidh cha-mhòr 400 duine a mharbhadh. Tha aig an luchd-teasairginn ri rathaidean millte a chàradh gus am faigh iad dhan sgìre, agus maill ga chur orra le uisge throm agus maoimean-talmhainn. Chaidh an crith a chlàradh aig ìre 6.1, agus bha i an ìre mhath eu-domhainn.

Beinn Mara

Tha luchd-saidheans air sgrùdadh mhionaideach a dhèanamh airson a' chiad uair air tè de bheanntan-mara Bhreatainn. Tha Beinn-Mara Bharraid Innse Gall nas àirde na tha Beinn Nibheis, ach tha a mullach 1,000 troigh fo uachdar na mara, an iar air Alba. Chuir eòlaichean bho Oilthigh Heriot Watt uidheam rannsachaidh ROV an sàs agus fhuair iad an t-uamhas bheathaichean a' tighinn beò air a' bheinn, agus mòran ghnè bheathaichean a' tighinn beò ann cuideachd.

Trainnse cogaidh

Tòisichidh obair an-diugh air trainnse cogaidh a chaidh a lorg aig sgoil ann an Eilginn a rannsachadh. Thàinig an làrach aig Bun-sgoil a' West End ann an Eilginn fa chomhair na Comhairle agus làrach eile faisg air làimh ga rannsachadh. Tha dealbh a thogadh bhon adhar aig àm an Dàrna Cogaidh a' sealltainn trainnse dìon agus grunn charbadan airm. Thuirt Comhairle Mhoireibh gur h-iongantach gun deach peilearan ceart a losgadh ann, ach gur dòcha gu bheil armachd air a thiodhlacadh aig an làrach.