Fear-coiseachd ga lorg an Gleann Èite
- Published
Chaidh corp a lorg ann an Gleann Èite, far an robh sgiobaidhean teasairginn air a bhith a' sireadh fhir a bha a dhìth bho Dhisathairne.
Chaidh an duine, a bha a' coiseachd air Beinn Starbh, a lorg le heileacoptair teasairginn bhon Chabhlach Rìoghail.
Chaidh fios air na seirbheisean-èiginn mu 8:00f air oidhche Shathairne nuair nach do thill an duine nuair a bha dùil ris.
Rinn Sgioba Teasairginn Ghleann Chomhann oidhirp air an duine a lorg, ach b' fheudar dhaibh stad aig 04:00m ri linn droch shìde.
Lean iad orra aig 08:00m agus chaidh corp a lorg ann an Coire Lotha aig 1:17f air feasgair na Sàbaid.
Thugadh an corp le heileacoptair dhan Ghearasdan.
Bha sgiobaidhean-teasairginn Loch Abair agus an Òbain, poilis le coin agus an RAF cuideachd an sàs anns an iomairt.
Cha deach an duine ainmeachadh fhathast.