Deasbad beò eadar Salmond is Darling

  • Air fhoillseachadh
Darling agus Salmond
Fo-thiotal an deilbh,
Cuiridh am Prìomh Mhinistear air adhart an argamaid airson neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus canaidh Mgr Darling, a tha na chathraiche air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gum bu chòir an t-Aonadh a chumail ri chèile.

Thèid am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, an sàs ann an deasbad beò air an telebhisean mu neo-eisimeileachd na h-Alba Dimàirt.

Cuiridh am Prìomh Mhinistear air adhart an argamaid airson neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus canaidh Mgr Darling, a tha na chathraiche air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gum bu chòir an t-Aonadh a chumail ri chèile.

Thèid an deasbad a chraoladh le STV air beulaibh 350 luchd-bhòtaidh bho air feadh na dùthcha, aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu.

Mairidh an deasbad fad dà uair de thìde, le deasaiche poileataigeach STV Bernard Ponsonby air a cheann.

Aonta

Tha grunn dheasbadan telebhisein air a bhith ann mar-thà tro iomairt an referendum, ach 's e seo a' chiad turas a bhios Ailig Salmond agus Alistair Darling a' tighinn aghaidh ri aghaidh airson an leithid.

Air thoiseach air a' bhòt san t-Sultain, bha STV air a bhith a' còmhradh ris an dà thaobh mu bhith a' cumail deasbaid bheò air an telebhisean eadar ceannardan nan iomairtean.

Chaidh a mholadh an toiseach gun deadh an deasbad a chumail air 16mh là den Iuchar, ach cha b' urrainn dhan dà thaobh aontachadh air an sin. Bha eas-aonta a bharrachd ann an uair sin mun 5mh là den Lùnastal.

Bha am Prìomh Mhinistear ag iarraidh deasbad a chumail ris a' Phrìomhaire, Daibhidh Camshron, ach thuirt Mgr Camshron gur iad a bhios a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd na h-Alba a bu chòir a bhith an sàs ann.

Mar sin, thuirt Nas Fheàrr Còmhla gur e an seann Sheansalair Làbarach, Mgr Darling, a bhiodh a' cur na h-argamaid air adhart airson na Rìoghachd Aonaichte a chumail slàn.

An dèidh eas-aonta a mhair seachdainnean, ràinig an dà thaobh aonta mu cheann-là.

Jenkins

Thuirt Blair Jenkins bhon iomairt Bu Chòir Alba gu bheilear air leth toilichte gur ann an aghaidh Alistair Darling a bhios Mgr Salmond a' deasbad agus gu bheil sgilean eadar-dhealaichte a dhìth airson deasbad a bhuannachadh - sgilean agus argamaidean a th' aig a' Phrìomh Mhinistear, a rèir Mhgr Jenkins.

Thuirt e gu bheil am Prìomh Mhinistear aithnichte mar fhear a tha math air deasbad, 's gu bheil esan cinnteach às gun dèan Mgr Salmond math san deasbad, 's gun cuir e argamaidean làidir, tarraingeach air adhart ann an dòigh a dh'fhàgas daoine ag iarraidh taic a chur ris an iomairt airson neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Jenkins: "Cluinnidh an luchd-amhairc carson a bu chòir do cho-dhùnaidhean mu àm ri teachd na h-Alba a bhith air an dèanamh ann an Alba.

"An dèidh dhaibh an dà thaobh den deasbaid a chluinntinn, tha sinne a' faicinn gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-bhòtaidh a bha eadar dà bheachd a' cur taic ri Bu Chòir."

MacDhùghaill

Tha Blair MacDhùghaill bhon iomairt Nas Fheàrr Còmhla ag iarraidh freagairtean bho Mhgr Salmond a thaobh airgid, pheinnseanan agus sheirbheisean poblach.

Tha esan a' cumail a-mach gum bi dùbhlain air thoiseach air a' Phrìomh Mhinistear - na bheachd-sa, ged a bhios Mgr Salmond a' dèanamh glè mhath 's e a' deasbad sa Phàrlamaid, nach eil sin idir a' ciallachadh gur ann mar sin a thèid leis san deasbad telebhisein.

Thuirt Mgr MacDhùghaill nach eil an dòigh anns am bi Mgr Salmond a' putadh argamaidean a' còrdadh ri boireannaich idir, 's gur ann acasan a bhios guth gu math làidir ann am bhòt na h-ath mhìos.

Thuirt e gur e a tha a dhìth air an luchd-bhòtaidh ach freagairtean mionaideach do na ceistean a tha fhathast orra, seach èigheach airson a' phuing a chur tarsainn.

Coimeas

Tha coimeas air a bhith ga dhèanamh eadar an deasbad seo agus an deasbad a bha eadar Mgr Salmond is Seòras Robasdan bho na Làbaraich, a chaidh a chumail ann an 1995 ann an seann Àrd-sgoil Dhùn Èideann.

Dh'fhaodadh gur e deasbad gu math eadar-dhealaichte a bhios an seo ge-tà, ri linn 's nach ann airson ceannard phàrtaidh agus manifesto a tha an deasbad seo idir, ach airson taic an luchd-bhòtaidh a tharraing do dhà fheallsanachd a tha astar mòr bho chèile - airson neo-eisimeileachd do dh'Alba, no airson an t-Aonadh 's an Rìoghachd Aonaichte a chumail slàn.

Thèid an deasbad a chraoladh oidhche Mhàirt aig 8:00f, air STV.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh