Mìneachadh air poilis armaichte
- Air fhoillseachadh

Thig mìneachadh bho Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MasAsgaill, ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt a thaobh 's mar a tha cuid de phoilis a-nis a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach.
Tha grunn dhaoine, air a' Ghàidhealtachd gu h-àraidh, air gearan mun phoileasaidh, a dh'atharraich an-uiridh, is iad ag ràdh nach eil e iomchaidh dhan sgìre.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg an fheadhainn a tha a' cur na aghaidh agus iad air iarraidh air Poileas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air.
'S e am ball neo-eisimeileach dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Iain Finnie, a bha uair na oifigear-poilis e fhèin, a thog na draghan an toiseach.
Thuirt e gu bheil feum air mìneachadh bho Mhgr MasAsgaill.
Sàbhailte
"Tha draghan mun seo a' siòr fhàs agus 's e an rud a tha a' nochdadh mar as trice, nach eil daoine a' faireachdainn dad nas sàbhailte air sgàth a' phoileasaidh a tha seo - gu dearbha chan eil iad a' faireachdainn cho sàbhailte 's a bha iad.
"Tha na poilis ann gus am bi daoine a' faireachdainn sàbhailte agus cuideachd, dha roinn a' cheartais air fad, feumaidh taic is earbsa an t-sluaigh a bhith aca, 's tha e fìor chudromach nach eil dad sam bith ann a tha a' cur bacadh air an sin," thuirt e.
Thuirt Àrd-Chonnstabal Phoileas na h-Alba, Sir Stephen House, mar-thà gum biodh ath-sgrùdadh ga dhèanamh air a' phoileasaidh co-dhiù air an ath mhìos.
Tha am feachd ag ràdh gu bheil 275 de na h-oifigearan aca a' giùlain ghunnaichean, mu 1.6% de na h-oifigearan a th' aca uile gu lèir.
'S e gunna taser agus gunna-làimh a tha ga chumail sa chrios a bhios aca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Cèitean 2014
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2014