Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bhana-Mhorair Warsi

Tha ministear Oifis nan Dùthchanan Cèin, a' Bhana Mhorair Warsi, air an Riaghaltas fhàgail agus i ag ràdh nach urrainn dhith taic a chur ris a' phoileasaidh aca air Gaza tuilleadh. Thuirt i air Twitter gun robh i air leth duilich gun robh i a' falbh. Bha i uair na cathraiche air a' phàrtaidh Thòraidheach. Bho chionn làithean, tha am pàrtaidh Làbarach air fhàgail air Dàibhidh Camshron gu bheil e air fàileachdain air seasamh làidir a dhèanamh an aghaidh iomairt Israel. Tha na ceudan mòra de Phàlestinianaich air am beatha a chall anns an t-sabaid.

Agus tha coltas gu bheilear fhathast a' gabhail ri fois-fòirneart a mhaireas trì là ann an Gaza. Thuirt Israel gun robh iad air na feachdan aca air fad a tharraing a-mach às an sgìre. Thòisich an t-aonta, a chuir an Èipheit air adhart, aig 6.00m. Tha dòchas ann gun tèid còmhraidhean a chumail a bhios ag amas air sìth nas maireannaiche dhan sgìre an uair sin.

Deasbad

Sia seachdainnean ron referendum air neo-eisimileachd bidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, agus ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, a' deasbad a chèile air an telebhisein feasgar a-nochd. Bidh iad a' ceasnachadh a chèile, bidh fear-naidheachd a' cur cheistean air an dithis agus bidh luchd-bhòtaidh a bhios an làthair cuideachd ag iarraidh freagairtean bhuapa. Mairidh an deasbad dà uair a thìde air STV, a' tòiseachadh aig 8.00f.

Poilis Armaichte

Bruidhnidh Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, ris a' Phàrlamaid Albannaich an-diugh air poilis armaichte. Tha seo an dèidh dha na dùbhlannaich barrachd fiosrachaidh iarraidh. Tha e air a bhith air leth connspaideach do dh'oifigearan armaichte an armachd aca a ghiùlain gu làitheil.

Bernie Ecclestone

Chaidh aithris gu bheil cùirt ann am Munich air gabhail ri tagradh bho cheannard Formula 1, Bernie Ecclestone, mu £60m a phàigheadh airson a' chùis a thoirt gu ceann. Dh'fhaodadh Mgr Ecclestone, a tha 83, binn suas ri deich bliadhna anns a' phrìosan fhaighinn co-cheangailte ri casaidean gun tug e airgead do bhancair Gearmailteach. Seo airson a bhith cinnteach gum faigheadh a' chompanaidh a bha esan ag iarraidh air earrannan a cheannach ann an gnìomhachas Formula 1.