Sgoilearan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

A' feitheamh toradh nan deuchainnean

6 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha sgoilearan na dùthcha air bhioran madainn Dimàirt 's iad a' feitheamh ri toradh nan deuchainnean aca.

Airson a' chiad turas, ghabh iad na deuchainnean ùra a ghabh àite na h-Ìrean Coitcheann.

Dh'fhaillich aon duine às gach còig deuchainn Nàiseanta 5, ach tha na h-ùghdarrasan fòghlaim ag ràdh nach gabh coimeas a dhèanamh le bliadhnaichean eile.

Chuala Aonghas Dòmhnallach mar a chaidh do thriùir ann an Leòdhas.