Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Deasbad

Tha an dà thaobh den iomairt san deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba a' cumail a-mach gur iadsan as fheàrr a rinn san deasbad telebhisein a chaidh a chraoladh beò air STV an-raoir eadar Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus Alistair Darling air taobh an Aonaidh. Thuirt Mgr Salmond gu bheil Alba fo smachd phàrtaidhean ann an Lunnainn nach d' fhuair bhòt mhuinntir na h-Alba. Thuirt Mgr Darling gu bheil e a' failneachadh air an iomairt son neo-eisimeileachd ceistean bunaiteach a fhreagairt.

Armachd Niuclasach

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air armachd niuclasach Trident, cuspair a tha bunaiteach san deasbad mu neo-eisimeileachd. Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh faighinn cuidhteas Trident sa chiad theirm de Phàrlamaid na h-Alba an dèidh neo-eisimeileachd. Tha luchd-taic an Aonaidh a' cur an aghaidh sin.

Manchester

Chaidh duine a chur an grèim fo Achd Slàinte na h-Inntinne an dèidh dha maoigheadh gun robh boma air plèana a bha air a shlighe à Qatar gu ruige Manchester. Chaidh an duine, a tha 47, a chur an grèim nuair a laigh am plèana aig Port-Adhair Mhanchester feasgar an-dè.

Warsi

Tha aithrisean ann air eas-aonta ann an Riaghaltas na co-bhanntachd, là an dèidh dhan Bhana-Uasal Warsi a dreuchd fhàgail ann an Oifis nan Dùthchannan Cèine, agus i a' gearain air an dòigh san do dhèilig an Riaghaltas ris an t-suidheachadh ann an Gàsa. Tha fathannan ann gu bheil ministear eile am beachd falbh cuideachd.

Airgead-dìolaidh

Dh'aidich Ministreachd an Dìon gu bheil maill air airgead-dìoghlaidh a thoirt do sheann bhuill nam feachdan armaichte air an deach leòn ann an seirbheis na dùthcha. Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' dèiligeadh ris a' mhaill sin ach tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil feadhainn de na cùisean as doirbhe gan cur an dàrna taobh.

Aiseagan Uibhist

Tha luchd-gnothaich ann an Uibhist ag ràdh gu bheil làn àm ann aiseagan a bhith a' ruith ceithir uairean fichead san là eadar Uibhist agus Tìr Mòr. Tha gearainnean ann air an t-Samhradh gu bheil na h-aiseagan tric làn agus e doirbh do mhuinntir an àite agus do luchd-turais faighinn orra nuair a tha iad ag iarraidh. Agus tha dragh ann nach eil an clàr-ama freagarrach dhan a h-uile duine.