Ailig Salmond agus Alistair Darling
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Salmond is Darling a' dol aghaidh ri aghaidh

7 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an dà thaobh ag ràdh gun do rinn am fear acasan a' chùis anns a' chiad deasbad telebhisein air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Bha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, agus Ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, còmhla aig Taigh-Chiùil Rìoghail na h-Alba oidhche Mhàirt.

Tha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Niall O'Gallagher, ag aithris.