Cùrsa ùr air-loidhne mun referendum

Neach ag obair air coimpiutair Image copyright Thinkstock
Image caption Tha Oilthigh Dhùn Èideann a' ruith na cùrsa ann an co-bhanntachd le FutureLearn.

Tha Oilthigh Dhùn Èideann air cùrsa ùr air-loidhne a stèidheachadh mun referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha an cùrsa Towards Scottish Independence? Understanding the Referendum, a tha a' maireachdainn sia seachdainean, mar phàirt de shreath de chùrsaichean àraid a tha gan tabhann leis an oilthigh.

Bidh an cùrsa ri fhaotainn an asgaidh, do dhuine sam bith, on 25 là den Lùnastal.

Tron chùrsa, gheibhear cùl-fhiosrachaidh mun referendum, a thuilleadh air deasbadan air-loidhne agus aithrisean bhidio.

Thèid cunntais-bheachd a chumail gu cunbhalach gus dearbhadh a bheil buaidh aig a' chùrsa air mar a bhòtas an luchd-cleachdaidh.

Dà thaobh

Chaidh an cùrsa a dhealbh le triùir acadaimigeach phoileataigeach - am Proif. Teàrlach Jeffery, am Proif. Nicola NicEòghainn agus an Dr. Ailean Convery.

Thuirt am Proif. Jeffery: "Cuiridh sinn an luchd-ionnsachaidh aig teis-meadhan ceist an referendum le bhith a' sgrùdadh nan argamaidean airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd, le deasbadan beòthail air an stiùireadh le acadaimigich bhon oilthigh.

"Nì sinn cinnteach gu bheil taobh eadar-nàiseanta air a' chùis, le bhith a' coimhead air na bhios an referendum a' ciallachadh do dhùthchanan eile a th' air ùidh a shealltainn ann an fèin-riaghladh, leithid Catalonia, Flanders agus Quebec."

Tha Oilthigh Dhùn Èideann a' ruith na cùrsa ann an co-bhanntachd le FutureLearn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile