BBC Naidheachdan

Lannsair air a dhreuchd fhàgail

Published
image captionNuair a thàinig Mgr Lawrence dha na h-Eileanan, dh'innis am BBC gun deach a chur às a dhreuchd roimhe leis a' Chomhairle Mheidigeach Choitcheann.

Tha fear de lannsairean Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh air a dhreuchd fhàgail.

Mus tàinig e dha na h-Eileanan, 's e ag obair ann an ospadal sa Chòrn, chaidh Hans Lawrence a chur às a dhreuchd airson trì mìosan an dèidh do chasaidean nochdadh na aghaidh.

Nuair a thàinig Mgr Lawrence dhan sgìre an-uiridh, dh'fhoillsich am BBC gun deach a chur às a dhreuchd ann an 2009 le riaghladair nan dotairean, a' Chomhairle Mheidigeach Choitcheann (GMC).

B' e Hans Desmarowitz a bh' air an uair sin, 's chaidh fhaighinn ciontach de dhroch dhol a-mach.

Chualas gun robh e a' cumail chlàran meidigeach gun chead, agus gun robh dealbhan drabasta air coimpiutair a bha co-cheangailte ri obair.

Chaidh a chur às a dhreuchd airson trì mìosan, ged a thuirt an GMC nach robh ceist sam bith mu a chomasan mar lannsair.

Thuirt NHS nan Eilean Siar nach robh gnothach aig na thachair o chionn còig bliadhna ri adhbharan Mhgr Lawrence a bhith a' fàgail a dhreuchd aig Ospadal nan Eilean Siar.