Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ruis

Chuir an Ruis casg air biadh de dh'iomadh seòrsa às an Aonadh Eòrpach, na Stàitean Aonaichte, Astràilia, Canada agus Nirribhidh, na dùthchannan a chuir casg-bhannan air an Ruis airson na tha a' tachairt air taobh sear na h-Ugràin. Thuirt an Ruis gum bi casg fad bliadhna air feòil, iasg agus stuth bainne. Reic Breatainn luach cha-mhòr £100m de bhiadh ris an Ruis an-uiridh.

Gàsa

Tha còmhraidhean a' dol air adhart san Èipheit airson sìth nas cinntiche a stèidheachadh eadar Israel agus a' bhuidheann Phailistinianach Hamas. Thuirt oifigich Israelach gu bheil iad deònach leudachadh air an fhois-fhòirneirt ann an Gàsa, ach thuirt Hamas nach tàinig iad gu aonta sam bith fhathast.

Bratach Pailistin

Tha Iudhaich ann an Glasachu a' gearain gu bheil comhairle a' bhaile am beachd bratach nam Pailistinianach a thogail os cionn talla a' bhaile a-màireach. Tha Comhairle Baile Ghlaschu gu bheil iad a' dèanamh seo mar chomharra air an taic dhan fheadhainn a tha a' fulang ann an Gàsa. Tha Comhairle nan Iudhach ag ràdh gu bheil sin a' dèanamh dìmeas orrasan.

Oscar Pistorius

Thuirt an t-àrd-fhear-casaid aig cùis lagha Oscar Pistorius ann an Afraga a Deas gur e "fianaisiche cealgach" a th' anns an lùth-chleasaiche. Tha Mgr Pistorius a' dol às àicheadh gur ann a dh'aona-ghnothaich a mharbh e a leannan, Reeva Steenkamp, aig a dhachaigh ann am Pretoria an-uiridih.

NHS na Gàidhealtachd

Thèid innse do bhòrd NHS na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gu bheil iad ann an cunnart a dhol £15m os cionn am buidseit air a' bhliadhna ionmhais seo. Innsidh stiùiriche ionmhais an NHS air a' Ghàidhealtachd, Nick Kenton, dhan bhòrd gu bheil cùisean an airgid an-dràsta nas miosa na 's àbhaist dhaibh a bhith aig an àm seo den bhliadhna.

Sgìre Ghlèidhteachais

Tha dragh air Stòras Uibhist mun bhuaidh a dh'fhaodadh tighinn à plana Dualchas Nàdair na h-Alba airson costa an iar nan eilean bho na Hearadh deas gu ruige Barraigh a chomharrachadh mar sgìre far am biodh tuilleadh dìon air eòin na mara. Thuirt Huw Francis aig Stòras Uibhist gum feumar tomhas a dhèanamh an toiseach air a' bhuaidh a dh'fhaodadh sgìre SPA a thoirt air beò-shlaint agus dòigh-beatha mhuinntir na sgìre.