Marina ùr ga fhosgladh gu h-oifigeil

An Astoria ann an Steòrnabhagh
Image caption Bheachdaich an Caiptein Aonghas Mac a' Ghobhainn gum biodh e math nam faighte barrachd chriùsairean a-steach dhan phort.

Thèid marina ùr Steòrnabhaigh, anns a bheil àite airson còrr air 80 bàta, fhosgladh gu h-oifigeil Disathairne.

Tha fèill cho mòr air mar-thà, 's gu bheil Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a' beachdachadh air a leudachadh.

Dh'innis Cathraiche an Ùghdarrais, an Caiptein Aonghas Mac a' Ghobhainn, gun robh barrachd is barrachd bhàtaichean-siùil a' tighinn a-nuas dha na h-Eileanan sna saor-làithean, 's nach robh gu leòr rùm sa phort dhaibh uile.

B' ann air sàillibh sin a thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh gum feumar marina ceart a chur an sàs, agus b' e sin a rinn iad.

Fèill mhòr

Le àite airson 87 bàtaichean, 's e seo aon de na marinathan as motha air taobh siar na h-Alba.

"Bha dùil againne gun toireadh e trì bliadhna mus lìonadh sinn am marina, agus lìon sinn e ann an trì mìosan," thuirt an Caiptein Mac a' Ghobhainn.

Thuirt e gu bheil oidhcheannan ann, bho dh'fhosgail am marina, a bha còrr is 20 luchd-turais a-staigh: "Cha-mhòr nach eil a h-uile h-oidhche, le iachtaichean a tha a' tighinn a-nuas bho dheas," thuirt e.

Bheachdaich an Caiptein Mac a' Ghobhainn, leis mar a tha an uiread de bhàtaichean air a thighinn a-steach am-bliadhna, nach eil am marina buileach mòr gu leòr agus gum feumar feuchainn ri rùm fhaighinn airson a dhèanamh nas motha.

Goireasan

A thaobh ghoireasan don fheadhainn a tha a' cleachdadh na marina, thuirt an Caiptein Mac a' Ghobhainn gur e goireasan eadar-amail a th' aca an sàs aig an ìre seo.

"Tha e nar beachd taighean-beaga ùra a chur a-steach, agus taigh-nigheadaireachd, cho luath 's as urrainn dhuinn," thuirt e.

A thaobh buannachd do bhaile Steòrnabhaigh, dh'innis e gun deach tuairmse a dhèanamh - nuair a bhathas a' dèanamh plana-gnìomhachais airson na marina - mar as trice, ma tha duine a' cosg Not anns a' mharina, tha iad a' cosg £14 sa bhaile.

Tha cuid air beachdachadh sa bhaile gum bu chòir marina nas motha a stèidheachadh aig Newton.

Thuirt an Caiptein Mac a' Ghobhainn: "Bhiodh e glè mhath a-muigh an sin cuideachd - tha gu leòr rùm ann agus chan eil sinn a' dèanamh mòran leis a' phìos sin den phort an-dràsta.

"'S e sin aon de na h-àiteachan ris a bheil sinn a' sealltainn. Nan gabhadh sin a chladhadh a-mach, tha mi a' smaoineachadh gum biodh rùm ann airson 200 bàta," thuirt e.

Thuirt an Caiptein Mac a' Ghobhainn gu bheilear aig an ìre seo a' dol tro phlanaichean, a' toirt sùil air na ghabhas dèanamh leis a' phort, 's a' coimhead cho fada air adhart ri 2033.

Bheachdaich e cuideachd gum biodh e math nam faighte barrachd chriùsairean a-steach - thuirt e gun dèanadh sin feum dhan phort agus dhan bhaile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile