Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Chuir Daibhidh Camshron a thaic ris a' Cheann-suidhe Obama a thug cead do dh'itealain chogaidh Aimeireaganach ionnsaigh a thoirt air feachdan Ioslamach aig a bheil smachd air mòran de cheann a tuath Iorac. Tha Aimeireaga ag ràdh gun cuir iad dìon air mion-shlòigh, mar na Yazidi, agus Crìosdaidhean a th' air teicheadh bhon t-sabaid, agus a tha a-niste gun bhiadh no fasgadh. Tha comataidh èiginn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, COBRA, a' coinneachadh an-dràsta a bheachdachadh air an t-suidheachadh ann an Iorac.

Ebola

Tha Buidheann Slàinte na Cruinne air staid èiginn a ghairm dhan t-saoghal air fad leis mar a tha an galar Ebola a' sìor-sgapadh air taobh siar Afraga. Thuirt a' bhuidheann gur e seo suidheachadh cho dona 's cho doirbh ris an tàinig air an t-saoghal dèiligeadh fhathast.

Gàsa

Thòisich Israel air ionnsaighean as ùr air Gàsa an dèidh do bhuidhnean Pailistinianach rocaidean a losgadh air Israel anns a' mhadainn an-diugh, aig deireadh fois a mhair trì là. Tha itealain chogaidh Israelach os cionn Ghàsa, agus tha aithrisean ann air spreadhadh mòr ann am meadhan baile Ghàsa. Dhiùlta a' bhuidheann Phailistinianach Hamas leudachadh air fois bhon fhòirneart, 's iad ag ràdh nach gabhadh Israel idir ri cuid de na rudan as bunaidiche a bha iad ag iarraidh aig còmhraidhean anns an Èipheit.

Comhairle Baile Ghlaschu

Thog Comhairle Baile Ghlaschu bratach nam Pailistinianach os cionn Talla a' Bhaile an-diugh mar thaic dhan t-sluagh a tha a' fulang ann an Gàsa. Tha cruinneachadh beag de dhaoine aig Seòmraichean a' Bhaile, cuid dhiubh a' cur taic ri sin, agus feadhainn eile a tha a' cur na aghaidh.

An Not

Tha ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, ag iarraidh air an SNP plana eile ullachadh airson siostam airgid, 's e ag ràdh nach toireadh riaghaltas Làbarach cead do dh'Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh. Thuirt Rùnaire an Ionmhais an Alba, Iain Swinney, gur e beachd gun tùr a tha sin, agus gum biodh e nas fheàrr do dh'Alba, agus dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte, aonta-ionmhais a bhith ann.

NHS na Gàidhealtachd

Tha Ball Tòraidheach a tha a' riochdachadh na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, Màiri Scanlon, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid a thoirt do dh'NHS na Gàidhealtachd gach bliadhna. Tha dragh ann gu bheil suidheachadh ionmhais a' bhùird a' sìor-fhàs nas miosa agus gum bi buaidh aige sin air euslaintich. Thèid innse do Bhòrd NHS na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gu bheil iad ann an cunnart a bhith còrr is £15m os cionn am buidseit air a' bhliadhna ionmhais seo.