Iomairt an aghaidh SPA

  • Air fhoillseachadh
Uibhist
Fo-thiotal an deilbh,
Tha SNH ag iarraidh tuilleadh dìon a chur air eòin na mara air taobh siar nan Eileanan Siar.

Bu chòir do mhuinntir nan Eilean a dhol air an casan an aghaidh na tha de sgìrean glèidhteachais a' nochdadh, a rèir a' Chomh. Raghnall MacFhionghain.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' moladh sgìre mhara eadar taobh siar na Hearadh agus Barraigh a chomharrachadh mar sgìre ghlèidhte do dh'eòin mhara.

"Aig àm anns na h-Eileanan far a bheil an sluagh a' dol sìos, cion obrach, tha iad a' cur a-steach nan rudan a tha seo," thuirt Mgr MacFhionghain.

"Nam bitheadh obair nan cois, agus iad a' dol a dhèanamh feum dha na h-Eileanan.

"Wild Land"

"Tha e mì-chiatach, ge b' e cò a tha a' suidhe sìos agus a' dèanamh seo, chan eil e a' dèanamh sìan de dh'fheum dha na h-Eileanan.

"Carson nach tàinig iad a bhruidhinn ris na daoine an toiseach?

"Tha an rud a tha iad a' feuchainn ri shàbhaladh, tha e ann mar thà, air sàillibh gun robh na daoine a' coimhead às a dhèidh roimhe seo.

"Sin an rud a tha a' cur a' chaothaich oirnne. Tha e ann mar-thà, 's tha na daoine a' coimhead às a dhèidh. Fàg e mar a tha.

"Ma thig iadsan a-steach, tha iad a' dol ga mhilleadh.

"Tha an "Wild Land" a tha seo air aon taobh, 's tha seo agad air an taobh eile. Tha iad dìreach air ar teannachadh a-steach. Chan eil sìan a' dol a thachairt anns na h-Eileanan, mar a chì mise e co-dhiù," thuirt Mgr MacFhionghain.

Beachdan nan Eileanach

Tha SNH air a ràdh gun tig iad a bhruidhinn ris a' Chomhairle, ris na coimhearsnachdan agus ris na h-iasgairean.

Ach tha Mgr MacFhionghain den bheachd nach eil sin gu leòr airson beachdan nan Eileanach a chur air adhart.

"Feumaidh sinn seasamh a-mach 's leigeil fhaicinn dhaibh nach eil sinn ga iarraidh, nach eil e a' dol a dh'obrachadh.

"Tha sinn fada fada ro bhog, agus tha sinn fada fada ro mhodhail leotha.

"Feumaidh sinn dìreach cantainn riutha "Stadaibh! Bruidhnibh rinne an toiseach. Agus mur a bheil e a' còrdadh ris an t-sluagh, falbhaibh," thuirt e.