Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aimsir

Tha rabhadh air tuiltean ann an còrr is 20 àite an Alba an dèidh uisge fìor throm san ear-thuath eadar Moireibh, Taobh Spè agus Inbhir Nis. Tha tuiltean mar-thà ann an sgìrean ìosal agus tha sin a' toirt buaidh air seibheisean rèile agus a' fàgail chùisean doirbh air na rathaidhean. Chan eil seirbeisean trèana a' ruith an-dràsta eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain, agus tha an loidhne dùinte cuideachd aig Ceann a' Ghiuthsaich, a' toirt buaidh air seirbheisean às Inbhir Nis gu deas. Tha an rathad eadar Ulapul agus Inbhis Nis, an A835, dùinte cuideachd faisg air ceann rathad an A832.

Iorac

Dh'iarr Curdaich ann an ceann a tuath Iorac tuilleadh taic bho dhùthchannan an taobh siar, nan sabaid an aghaidh nam buidhnean Ioslamach, aig a bheil smachd air mòran den sgìre sin. Ghabh na Curdaich, le taic bho itealain cogaidh Aimearaganach, dà bhaile air ais an-dè bho na feachdan Ioslamach. Thuirt Àrd-Riochdaire nan Curdach ann am Breatainn, gu bheil tuilleadh taic a dhìth orra.

Ospadail

Tha uàrdan ann an mòran ospadail na h-Alba nas trainge na bu chòir dhaibh a bhith, a rèir an fhiosrachaidh a fhuair am BBC ann an Alba f o Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Tha dragh ann gu bheil uàrdan cho làn agus gu bheil cunnart ann do shlàinte nan euslainteach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur teagamh ann am feadhainn de na h-àireamhan sin, agus gu bheil iad dìreach air £5m ainmeachadh mu choinneimh na trioblaid.

Gàsa

Tha dùil ri tuilleadh chòmhraidhean ann an Cairo anns an Èipheit an-diugh eadar Isreal agus a' bhuidheann Phailestinianach, Hamas. Tha an dà thaobh a' cumail fhathast ri fois-fhòirneart ùr, fad trì là, a thòisich tràth sa mhadainn an-diugh ann an sgìre Ghàsa.

Ugràin

Theich còrr is 100 prìosanach air taobh sear na h-Ugràin an dèidh do rocaid mortar bualadh ann am prìosan ann am baile Donetsk a-raoir. Chaidh an t-slige a' losgadh anns an t-sabaid eadar feachdan an riaghaltais san Ugràin agus na reubaltaich a tha a' taobhadh ris an Ruis.

Sgìrean SPA

Tha fear de chomhairlichean Uibhist ag ràdh gum feum muinntir nan eilean cuir an aghaidh phlanaichean SNH airson sgìrean glèidhte aig muir eadar Taobh Siar na Hearadh agus Barraigh. Tha Raghall MacFhionghain ag ràdh gu bheil cunnart ann gun dèan sgeamaichean glèidhteachais fuadach às ùr as na h-Eileanan, agus tha e a' gearain nach eil buidhnean mar SNH ag iarraidh beachd an t-sluaigh.