Stiùireadh mu chlàradh airson bhòtadh air Facebook

Facebook
Image caption Tha an Coimisean a' cur taic ri "tachartas beatha" ùr air Facebook, a leigeas leis an luchd-cleachdaidh innse do charaidean gu bheilear air clàradh airson bhòtadh.

Tha Coimisean an Taghaidh a' teannachadh an cuid oidhirpean airson muinntir na h-Alba a bhrosnachadh gus clàradh airson bhòtadh san referendum air neo-eisimeileachd an ath-mhìos.

Tha a' bhuidheann a' co-obrachadh le na meadhanan sòisealta, agus an dùil leabhran a sgaoileadh chun a h-uile dachaigh an Alba mu bhith a' clàradh.

Thathar a' cur taic ri "tachartas beatha" ùr air Facebook, a leigeas leis an luchd-cleachdaidh innse do charaidean gu bheilear air clàradh airson bhòtadh.

Air an 18mh là den t-Sultain, thèid faighneachd do dhaoine ann an Alba a tha clàraichte airson bhòtadh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Bha còrr is 4.1 millean duine clàraichte airson bhòtadh ron 10mh là den Mhàirt, a rèir àireamhan a' Choimisein.

Am measg an luchd-bhòtaidh, tha Breatannaich, Èireannaich agus daoine às dùthchannan an AE, a thuilleadh air daoine bhon Cho-Fhlaitheas.

Image copyright Other
Image caption Gheibhear comhairle air ciamar a dh'fhaodas tu cead fhaighinn bhòtadh aig ionad bhòtaidh, tron phost, no tro neach-ionaid.

Airson a' chiad turais anns an RA, bidh daoine òga aois 16 agus 17 bliadhna de dh'aois ceadaichte bhòtadh san referendum.

Leabhran

Tha Coimisean an Taghaidh a' dol a sgaoileadh leabhran gu gach dachaigh ann an Alba - dà mhillean dhiubh uile gu leth - ag innse do dhaoine ciamar a bhòtas iad.

Tha an leabhran, a tha 12 duilleag de dh'fhaid, a' mìneachadh cò a dh'fhaodas bhòtadh agus dè na diofar dhòighean a th' ann airson sin a dhèanamh.

Am measg na thèid a sgaoileadh tha dreach den phàipear-bhòtaidh, a thuilleadh air comhairle air ciamar a dh'fhaodas tu cead fhaighinn bhòtadh aig ionad bhòtaidh, tron phost, no tro neach-ionaid.

Tha an Coimisean air a ràdh gum feumar a bhith clàraichte airson bhòtadh ron 2na là den t-Sultain.

Facebook

Thairis air na seachdainean a tha romhainn, chì luchd-cleachdaidh Facebook fiosrachadh air an làraich mu stiùireadh eadar-ghnìomhach bhon Choimisein mun referendum.

Thuirt Elizabeth Linder, eòlaiche poileataigs agus riaghaltais na companaidh Facebook: "Tha na milleanan dhaoine às gach ceàrnaidh de dh'Alba a' cleachdadh Facebook, 's anns na seachdainean a dh'fhalbh thathas air a bhith a' toirt seachad am beachdan air deasbad an referendum.

"Ach chan eil a bhith a' deasbad air-loidhne gu leòr airson do bheachd a thoirt seachad air an 18mh Sultain.

"Mura bheil thu clàraichte, chan urrainn dhut bhòtadh. Tha e cho sìmplidh ri sin.

"Tha sinne dòchasach, le bhith a' toirt cothrom do na milleanan ann an Alba an stiùireadh seo fhaicinn air Facebook, gum bi fios aig daaoine mar a bhòtas iad agus mar a thèid am beachd a chunntadh," thuirt i.

A thuilleadh air an òigridh, tha Coimisean an Taghaidh cuideachd ag amas air buidhnean nach eil 's dòcha cho dualtach bhòtadh, leithid oileanaich agus daoine gun dachaigh.

Thuirt Alex Robasdan, Stiùiriche Conaltraidh a' Choimisein: "Tha sinn ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh ga sgaoileadh chun an luchd-bhòtaidh air fad.

"Tha sinn airson 's gun cuidich daoine le bhith a' sgaoileadh an fhiosrachaidh, gus nach caill duine an cothrom gus am beachd a thoirt.

"Tha sinn air grunn ghoireasan a dheasachadh a leigeas le daoine sin a dhèanamh.

"Gheibhear na goireasan uile an asgaidh aig www.aboutmyvote.co.uk, no le bhith a' fònadh 0800 3 280 280."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile