Bochdainn bìdh air a dhol an-àirde a' chòig uimhir

Banca-bìdh Image copyright PA
Image caption Chaidh an àireamh de dhaoine a chleachd bancaichean-bidhe aca ann an Alba, eadar an Giblean 2013 agus am Màrt 2014, an-àirde a' chòig uimhir bhon bhliadhna ionmhais ron sin.

"Cha bu chòir gabhail ris" an ìre de bhochdainn bìdh a th' ann an Alba, a rèir Nicola Sturgeon.

Dh'fhoillich an Leas-Phrìomh Mhinistear £518,000 de thaic-airgid a tha ag amas air bochdainn bìdh a lùghdachadh, is taic a chur ri 26 pròiseactan fa leth air feadh Alba.

Thuirt i gur e atharrachaidhean a thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air sochairean sòisealta a bu choireach airson an àrdachaidh san àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh nam bancaichean-bidhe.

Thuirt na Làbaraich nach biodh e comasach dhan SNP am planaichean a thaobh sochairean a choileanadh nam biodh iad cuideachd am beachd a' chìs chorparra a ghearradh.

Dh'fhoillich Ms Sturgeon an taic-airgid 's i a' tadhail air Banca-bidhe Chnoc Mhoire, a gheibh maoin de £40,000.

Thèid an t-airgead a sgaoileadh eadar 17 ùghdarrasan ionadail.

Ceangal

"Tha a' mhòr-chuid de dhaoine mothachail gu bheil an àrdachadh san àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh bhancaichean-bidhe co-cheangailte ri ath-leasachadh shochairean agus gearraidhean shochairean, 's tha an taic-airgid seo na eisimpleir eile de a tha sinne a' dèanamh gus a' bhuaidh chronail aig gearraidhean Westminster a lùghdachadh," thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear.

"Tha millean neach ann an Alba a-nis beò ann an bochdainn an dèidh chosgaisean taigheadais, còrr is 200,000 leanabh nam measg.

"Tha e nas draghaile buileach gu bheil 70% de ghearraidhean shochairean fhathast ri thighinn - bidh buidseat shochairean na h-Alba air a lùghdachadh còrr is £6bn ro 2015/16.

"Tha cuid a' tuairmseachadh gum faodadh 100,000 leanabh eile a bhith beò ann am bochdainn ro 2020, ma leanas sinn oirnn le poileasaidhean Westminster.

"Tha e deatamach gun coisinn sinn làn-chumhachdan neo-eisimeileachd gus Alba nas fheàrr a thogail - dùthaich a bheir dìon do dhaoine bho bhochdainn agus a chuidicheas iad gus an làn-chomasan a ruighinn nan obraichean 's nam beatha."

Teanntachd

Tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a' cumail a-mach gun adhbharaich beachdan Riaghaltas na h-Alba gus a' chìs chorparra a ghearradh, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd ann an referendum na Sultaine, tuilleadh teanntachd.

Thuirt am BPA Jackie Baillie: "Chan eil plana a tha creideasach no cothromach aig na Nàiseantaich a thaobh sochairean ann an Alba neo-eisimeileach.

"Cuiridh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba às do bhancaichean-bidhe agus togaidh sinn Alba nas cothromaiche le bhith a' tilleadh na cìse 50sg do dhaoine a tha a' cosnadh barrachd air £150,000 sa bhliadhna.

"Cha chuir faclan blàtha bho Nicola às do bhochdainn. 'S e an aon rud a tha an SNP air a ràdh mu chìsean, gu bheilear an dùil a' chìs chorparra a ghearradh do ghnìomhachasan mòra agus bhancairean, gu ìre nas ìsle fiù 's na Seòras Osborne.

"Tha daoine mothachail nach eil e comasach sochairean ann am modh Lochlannach a bhith agad le ìrean cìse nan Stàitean Aonaichte.

"Tha fios againne gum bi tuilleadh teanntachd an lùib neo-eisimeileachd agus gur iad na daoine as bochda as motha a dh'fhulaingeas."

Taic

Thuirt Urras Trussell gun deach an àireamh de dhaoine a chleachd bancaichean-bidhe aca ann an Alba, eadar an Giblean 2013 agus am Màrt 2014, suas gu 71,428.

Bha an àireamh an-àirde a' chòig uimhir bhon bhliadhna ionmhais ron sin.

Anns a' Ghiblean, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba £1m a bharrachd gus taic a thoirt do bhancaichean-bidhe.

Chaidh an dàrna leth den airgead a thoirt don charthannas FareShare, a bhios ag ath-riarachadh biadh o bhùithdean gu carthannasan a tha a' toirt taic do choimhearsnachdan.

Tha an £518,000 a bharrachd a chaidh fhoillseachadh le Nicola Sturgeon a' tighinn air thoiseach air deasbad mu shochairean ann an Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo