Spreadhadh an Steòrnabhagh

Tha dithis a bha ag obair dhan chompanaidh BAM Nuttall anns an ospadal an dèidh spreadhadh aig cidhe 3 aig Caladh Steòrnabhaigh anns a' mhadainn Dimàirt.

Tha e coltach gun do spreadh inneal agus gun deach aon duine a thilgeil dhan mhuir.

Chan eil fios aig an ìre seo dè an suidheachadh anns a bheil iad.

Tha £12m de dh'obair leasachaidh aig a' chidhe an-dràsta airson ullachadh dhan bhàta-aiseig ùr, an Loch Seaforth.

Chaidh stad air an obair air ceann a-muigh a' chidhe gus am bi rannsachadh ann air na thachair.