An ath-dheasbad 'ro deireadh an Lùnastail'

Ailig Salmond agus Alistair Darling
Image caption Thuirt STV gun deach a' chiad deasbad a choimhead le 1.7m neach, le gach taobh san deasbad a' cumail a-mach gur e an duine acasan a shoirbhich san deasbad a mhair dà uair an uaireadair.

Tha Alistair Darling, ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, air a ràdh gu bheil e an dùil deasbad le Ailig Salmond a-rithist ro dheireadh na mìos seo.

Thuirt am fear a bha roimhe na Sheansalair Làbarach nach deach fòrmat no àite-suidheachaidh an deasbaid, a thèid a chur air adhart leis a' BhBC, aontachadh fhathast, ach gun robh an dà thaobh air aontachadh air ceann-là, an 25mh là den Lùnastal.

Thathar a' tuigsinn gu bheilear a' beachdachadh air àite ann an Glaschu airson an deasbaid.

Tha seo a' tighinn às dèidh deasbaid eadar an dithis air STV oidhche Mhàirt a chaidh.

Thuirt a' chompanaidh chraolaidh choimearsalta gun deach a choimhead le 1.7m neach, le gach taobh san deasbad a' cumail a-mach gur e an duine acasan a shoirbhich san deasbad a mhair dà uair an uaireadair.

Thuirt Mgr Darling gun robh e dòchasach gun deadh an dara deasbad a chraoladh, chan ann a-mhàin an Alba, ach "air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus nas fhaide", ag ràdh gun robh e cudromach gum faighear an "èisteachd as farsainge a tha comasach".

Thuirt fear-labhairt às leth na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla gu bheilear cuideachd a' cumail chòmhraidhean le Channel Four agus Sky News mu dheasbadan aghaidh ri aghaidh le ceannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, ach gum feumadh craoladh sam bith de leithid a bhith air a chumail a dh'aithghearr.

Image copyright Getty Images
Image caption Chaidh deasbad eadar Alistair Darling agus Ailig Salmond a chraoladh bèo air STV.

Thuirt am fear-labhairt airson Nas Fheàrr Còmhla nach deadh aontachadh ri deitichean sam bith an dèidh an 25mh là den Lùnastal air sgàth 's gu bheilear an dùil gum bi "cairteal" den luchd-bhòtaidh a' bhòtadh tron phost, le mòran buailteach sin a dhèanamh cho luath 's a gheibhear na pàipearan-baileat.

Diardaoin, an 18mh den t-Sultain, thèid faighneachd don luchd-bhòtaidh ann an Alba: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?" Bidh dà roghainn aca - "Bu chòir" no "Cha bu chòir".

Thuirt am fear-labhairt cuideachd gun robh Mgr Darling agus Mgr Salmond air aontachadh pàirt a ghabhail ann an còmhradh air-loidhne, a dheadh a chur air chois leis an làraich Mumsnet, ged nach deach ceann-là aontachadh air a shon fhathast.

Thuirt labhraiche às leth Bu Chòir Alba: "Tha e na phrìomh amas aig Bu Chòir Alba daoine aig nach eil ùidh gu h-àbhaisteach ann am poileataigs, no nach bi a' bhòtadh, a phiobrachadh.

"'Dh'fhaodadh gun dèan am 'millean a bha a dhìth' cinnteach gum faigh Pàrlamaid na h-Alba an raon farsaing de chumhachdan eaconamach, nach faighear ach le bhòt Bu Chòir a-mhàin, a tha a dhìth gus sòisealtas nas cothromaiche agus nas sealbhaiche a chruthachadh.

"Tha sinn a' coimhead air adhart ri na deasbadan a th' air thoiseach oirnn, gus ar teachdaireachd dheimhinneach mu na cothroman an lùib neo-eisimeileachd a sgaoileadh, gus dèanamh cinnteach gum bi beartas na h-Alba gu maith nan daoine a tha a' fuireach agus ag obair an seo. Mar a chunnaic sinn san deasbad mu dheireadh, dh'àrdaich taic airson Bu Chòir 2% ann an dà uair de thìde."

Tuilleadh air an sgeulachd seo