Tuiltean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buaidh na droch shìde

12 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thug droch shìde agus dòrtadh uisge buaidh air coimhearsnachdan agus luchd-siubhail air feadh na Gàidhealtachd Diluain.

Chaidh rathaidean a dhùnadh agus seirbheisean rèile a chur dheth ri linn nan tuiltean, agus chaidh timcheall air 200 teaghlach am fuadach bhon dachaighean ann an Eilginn air eagal 's gun deadh Abhainn Losaidh thairis air a bruaichean.

Chaidh Eilean Green a-mach gu cuid de na h-àiteachan as motha a dh'fhuiling.